Cò bhòtas?
Cò a bu chòir cead-bhòtaidh fhaighinn airson an referendum air neo-eisimileachd? 'S e polasaidh Riaghaltas na h-Alba gur iad na daoine a tha a' fuireach ann an Alba - as bith cò às a tha iad - a bu chòir cothrom fhaighinn pà irt a ghabhail anns a' bhòt. (Tha an SNP cuideachd airson an cothrom-bhòtaidh a leudachadh do dhaoine a tha 16 agus 17 bliadhna dh'aois, ged a tha pà rtaidhean an Aonaidh uile an aghaidh sin). Ach dè mu dheidhinn Albannach nach eil a' fuireach ann an Alba? An-diugh fhathast, bidh BPA a' deasbad , ag iarraidh gum bi cothrom-bhòtaidh aig Albannaich ann an Sasainn air neo pà irtean eile dhen Rìoghachd Aonaichte. Dè ur beachd fhèin?