Duan nan trì rann
Sheachain ceannardan nan dùbhlanach an referendum aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir an-diugh airson chuspairean eile. (Na gabh dragh, bidh barrachd - tòrr a bharrachd - air sin an ath sheachdain nuair a thèid planaichean Riaghaltas na h-Alba fhoillseachadh Diciadain). Thog Johann Lamont na figearan ùra air cion-cosnaidh a nochd an-dè. Dè, dh'fhaighnich i, an t-atharrachadh a dhèanadh an riaghaltas air bile a' bhuidseit mar thoradh air na h-à ireamhan ùra seo? (Tha dùil ris a' bhile sin a-mà ireach), Sheachain Mgr Salmond a' cheist - cha b' ann airson a' chiad uair. Eaconomaidh Fhreagair e nach robh na cumhachdan aig Pà rlamaid na h-Alba spionnadh a thoirt don eaconamaidh. Agus, thuirt am Prìomh Mhinistear, bha plana nan Là baraich gus dèiligeadh rithe gu mòr an crochadh air cumhachdan a bha fhathast fo smachd Westminster. Nas miosa na sin, chuir Mgr Salmond as leth nan Là barach gun robh iad a-nis air am plana sin a leigeil seachad gus taic a chur ri gearraidhean na co-bhanntachd. Cha do chuir sin dragh air Ms Lamont, a chum oirre leis a' cheist. Thuirt i gun robh Mgr Salmond gu math mòr à s fhèin, ach cha robh aire air a dhreuchd mar a bu chòir. Fhreagair esan gun robh i a' fà s coltach ris an duine a bha na dreuchd roimhpe. Fianais Thagh Ruth Davidson cuspair na Roinn Eòrpa. An do sgrìobh an riaghaltas gu coimiseanairean air à ite Alba neo-eisimeiliche anns an Aonadh Eòrpach? Thuirt Mgr Salmond gum biodh Alba fhathast mar phà irt dhen Aonadh, mar a bhiodh an còrr dhen Rìoghachd Aonaichte cuideachd. Cha robh sin gu leòr airson Ms Davidson, ge-tà . Nach fhoillsicheadh am Prìomh Mhinistear an fhianais aige air a' chùis? Fhreagair e gur e na cà irdean aicese aig Westminster a-mhà in a bha a' cur ballrachd na h-Alba ann an cunnart. ³§Ã ²ú³ó²¹±ô²¹»å³ó Thog Willie Rennie am plana a nochdadh le Coinneach MacAsgail Dimairt airson Seirbhis Poilis Nà iseanta. Bha teagamh air Mgr Rennie gun deigheadh an sà bhaladh a gheall an SNP a choilionadh. Agus, dh'fhaighnich e, cia mheud oifigear a bha ag obair air an ath-chruthachadh? Chuir am prìomh mhinistear na chuimhne gun robh na Lib Deamaich a-mach air seo gun sguir aig à m an taghaidh agus gur beag an taic a fhuair iad air a shon. 'S dòcha gum b' e seo an t-à m gus duan eile a thaghadh. Cha chuireadh e iongnadh orm nan tilleadh duan na neo-eisimeileachd an ath sheachdain.