´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Ailig agus Rupert

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2012-04-26, 17:11

'S e seachdain dhuilich a bha seo do dh'Ailig Salmond.

As dèidh mar a nochd fianais mu chàirdeas le Rupert Murdoch aig rannsachadh a' Mhorair Leveson , bha fios aige gum biodh ceistean cruaidh a' feitheamh airÌýaig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir.

Aig a' char as sìmplidhe, an robh Mgr Salmond ro fhaisg air ceannard News Corp agus e a' lorg taic nam pàipearan aige?

Mar as àbhaist, bha am Prìomh Mhinistear deiseal le freagairt.

Chunnaic an rannsachadh puist-dealain ag ràdh gun cuireadh Mgr Salmond taic ri oidhirp na companaidh làn smachd fhaighinn air BSkyB.

Thuirt Mgr Salmond nach robh e a-riamh ach feuchainn ri cosnaidhean a choisinn do dh'Alba.

DleastanasÌý

Na bheachd, b' e sin a dhleastanas mar phrìomh mhinistear.

Am beachd nan dùbhlanach, bha e air cliù na h-oifise aige a mhilleadh.

Carson, dh'fhaighnich Johann Lamont, a chuir Mgr Salmond cuireadh do Rupert Murdoch tighinn airson tì aig Taigh a' Bhòid, as dèidh mar a bhris scaineal farcluais nam fònaichean-làimhe?

Ach chuir Mgr Salmond casaid na cealgaireachd as a leth.

Thuirt e nach d'rinn e càil a bha ceàrr.

Agus chùm e a-mach gun robh dragh airÌýgun robhÌýcòrr is 6,000 cosnadh aig BSkyB an Alba ann an cunnart.

Laigse

Tha na dùbhlanaich aig Holyrood a' creidsinn gu bheil seo na laigse aig Ailig Salmond - agus tha iad a' dèanamh an dìcheil brath a ghabhail oirre.

ThàinigÌýan càirdeas eadar am Prìomh Mhinistear agus daoine mòra, beartach fo sgrùdadh tron t-seachdain, agus Dòmhnall Trump - a bha roimhe cho measail air - a' tighinn gu Holyrood gus ionnsaigh a thoirt air na muilleannan-gaoithe aige.

Agus, tha sgiopa Mhgr Salmond fhèin a' creidsinn gur e plana nan Làbarach feuchainn riÌýcron a dhèanamh air a chliù phearsanta agus an dà thaobh a'Ìýtomhas gu bheil taic an SNP gu mòr an crochadh air.

Chì sinn fhathast an toir seo buaidh mhòr air cliù Mhgr Salmond.

Ach 's ainneamh a bhios seachdain mar seo aige.

Agus seachdain a-mhàin mus bhòt Albannaich anns na taghaidhean ionadail, cha b' e seo an t-seachdain a bha an SNP ag iarraidh.

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.