´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Deasbad air Nato air fàire

Niall O’Gallagher | 2012-04-16, 16:32

Dh'aithris mi an seo roimhe gu robh ceannardan an SNP a' beachdachadh air polasaidh a' phàrtaidh air Nato atharrachadh.

Tha barrachd fios againn a-nis mun chlàr-ama.

Dh'innis grunn dhaoine dhomh gum bi ath Choinneamh Comhairle Nàiseanta a' phàrtaidh - ann am Peart anns an Òg-mhios - a' deasbad am bu chòir do dh'Alba fuireach anns a' bhuidhinn ach gun armachd niùclasach.

Tha cuid anns a' phàrtaidh gu tur an aghaidh sin.

Ach tha ceannardan an SNP a' creidsinn gun gabh a' bhallrachd ris fhad 's gun creid iad nach bi aca ri armachd niùclasach a chumail air talamh na h-Alba.

Ma tha Nirribhidh na ball dhen bhuidhinn gun armachd niùclasach, their iad, carson nach biodh Alba?

Deasbad

Cha robh duine bhon SNP airson bruidhinn riunn an-diugh, agus 's coltach nach bi ro na taghaidhan ionadail.

As dèidh sin, ge-tà, ma thèid gu math leotha, bidh cothrom aca cumail a-mach gu bheil seo a dhìth gus taic fhaighinn airson neo-eisimeileachd agus gus an SNP a dhìon bho ionnsaighean nam pàrtaidhean eile.

Tha an SNP ag atharrachadh.

Thàinig buill ùra nam mìltean don phàrtaidh on taghadh Albannach an-uiridh, a' fàgail gu bheil beachd na ballrachd air cùisean mar seo ag atharrachadh.

Agus, le bhòt air neo-eisimeileachd a-nis air fàire, bidh iad deònach gabhal ri tòrr gus dèanamh cinnteach gun tachair i.

Tha ceannardan an SNP air a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn seo fad greis mar-thà - tha an deasbad anns a' phàrtaidh nas fharsaing a-nis a' tòiseachadh.

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.