Nas fheà rr caraid sa chùirt...
An cuala sibh Aithris na Maidne air Radio nan GÃ idheal an-diugh?
Bha mo charaid , a-mach air an air neo-eisimileachd.
'S e beachd na comataidh nach eil cumhachd aig Pà rlamaid na h-Alba bhòt sam bith a chumail air a' chùis, ag rà dh gum biodh an leithid mì-laghail.
Seo na thuirt Torcuil:
Saoil a bheil e ceart?
Cumhachd
Mura robh beachd na comataidh soilleir - chan eil ball-pà rlamaid nà iseantach oirre - tha tiotal na h-aithisge aca ga dèanamh gu math follaiseach.
Dhaibhsan, chan ann air 'neo-eisimeileachd' a bhios Albannaich a' bhòtadh ach air 'sgaradh' bhon chòrr dhen Rìoghachd Aonaichte.
(Thog comhairle Là barach teagamh dhomh mun chainnt seo an t-seachdain roimhe, ag rà dh gun dèanadh i barrachd cron na feum - dè ur beachd fhèin?)
Dan rèir-san, tha an fhianais air seo soilleir, agus mar sin feumaidh aonta a ruighinn eadar an dà riaghaltas gus am faigh Holyrood an cumhachd a tha a dhìth airson bhòt a chumail.
Às aonais sin, 's ann a dh'ionnsaigh na cùirte a tha a' chùis a' dol.
Sìmplidh gu leòr?
Ù²µ³ó»å²¹°ù²¹²õ
Chan eil i.
Tha Riaghaltas na h-Alba air a rà dh gu bheil iad glè thoilichte gabhail ris a' chumhachd ùr seo, fhad 's nach tig e aig prìs.
Niste, bhruidhinn mi ri fear aig Àireamh a Deich agus 's soilleir nach eil ach aon loidhne dhearg aca - sin nach bi ach aon cheist air a' phà ipear-bhaileit - neo-eisimeileachd, tha no chan eil.
Tha sgioba Dhà ibhidh Chamshroin ag rà dh gur e sin a gheall an SNP ron taghadh agus mar sin chan eil ùghdaras aca bhòt sam bith eile a ghairm.
Mar sin, bha iad airson Ailig Salmond a chuideachadh agus an cumhachd a bha a dhìth air a thoirt dha.
Nach sinne a tha reusanta, thuirt an duine rium.
°äò³¾³ó°ù²¹»å³ó
Tha sgioba Mhgr Salmond fhathast ag rà dh gu bheil an cumhachd aca bhòt chomhairleachail a chumail mura deigheadh aonta a ruighinn le Riaghaltas Bhreatainn.
Ach thuirt iad gun robh an còmhradh eatorra a' leantainn, agus Bruce Crawford gu bhith a' coinneachadh le Dà ibhidh Mundell nas fhaide air a' mhìos seo.
Agus thuirt iad nach gabhadh iad ri iarrtas Mhgr Camshron gun deigheadh a' chùis a rèiteachadh ro dheireadh na Sultaine.
Tha an dà thaobh gu math là idir anns na beachdan aca agus tha e doirbh fhaicinn dè bheireadh orra an atharrachadh.
Ach ma tha Torcuil ceart, agus gun tèid seo don chùirt, 's e a' cheist an uair sin, cò gheibheadh a' bhuannachd?
Tha dùil ri barrachd air seo ro dheireadh an t-samhraidh.