´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Toiseach an deiridh?

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2012-08-07, 11:27

Cumaibh an-dè nur cuimhne.

B' e sin an là a chaidh pàirt dhen a chur don dàrna taobh.

Cha chuireadh iongnadh air duine a tha eòlach air sgeulachd fhada na h-iomairt gus deamocrasaidh a thort don dàrna taigh leis an naidheachd nach tachradh e ron ath thaghadh.

Ach nan robh seo cudromach ann am prionnsabal do Mhgr Clegg, bha e co-dhiù cho cudromach gu poileataigeach.

Bha ath-leasachadh Thaigh nam Morairean a dhìth air - gu h-àraid as dèidh a' bhùraich le AV - gus sealltainn gun robh na Lib Deamaich a' faighinn rudeigin às a' phàirt aca anns an riaghaltas.

Tha e a' fàs nas dorra dha sin a dhearbhadh a-nis.

¶Ùà²Ô²¹

Chaidh ar-a-mach a sheachnadh ron t-samhradh nuair a chaidh a' bhòt a chur dheth gus barrachd ùine a thoirt do Mhgr Camshron taic fhaighinn bhon phàrtaidh aige fhèin.

Thuirt Mgr Clegg an-dè gun do dhearbh am prìomhaire dha nach robh gu leòr dhiubh air am beachd atharrachadh.

Ach 's e ceist dhuilich a tha ro phàrtaidh Mhgr Clegg an-diugh:

An do dh'fhàilig air Mgr Camshron air sgàth 's nach eil smachd aige air a' phàrtaidh aige, air neo an e an fhìrinn nach do dh'fheuch e cruaidh gu leòr?

As dèidh seo, bidh taobh deas na buidhne Tòraidheach anns na Cumantan nas dàna.

Tha sin na thrioblaid do Mhgr Clegg, ach dh'fhaodadh e bhith doirbh do Mhgr Camshron cuideachd.

Cnap-starra

Bidh an ath thaghadh nas duilghe dha as dèidh mar a choisich na Lib Deamaich air falbh bhon ghealltanas aca taic a chur ri atharrachadh crìochan nan roinnean-phàrlamaid.

Bha dùil gun toireadh sin buannachd do na Tòraidhean agus cnap-starra a chur air adhartas nan Làbarach fo Ed Miliband.

Tha cuid air taobh deas a' phàrtaidh Thòraidhiche feargach nach deach aig Dàibhidh Camshron mòrchuid fhaighinn leis fhèin - rud a bhios nas dorra a-nis.

Gu dearbh, dh'fhaodadh tu a ràdh gu bheil na thachair an-dè air Dàibhidh agus Nick a thoirt nas fhaisge agus e nas coltaiche a-nis gum bi feum aca air a chèile as dèidh an ath thaghaidh.

Cha toir Mgr Clegg an taghadh sin air adhart agus eagal air gun dèanadh sgrios air na Lib Deamaich aig na bogsaichean-baileit.

Ach 's e eagal taghaidh - seach an gaol a nochd iad ann an Gàrradh nan Ròs a tha a' cumail an dithis seo còmhla a-nis.

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.