Ceum eile adhart
Ceum eile adhart ann an còmhradh an referendum an-diugh.
Seo na thuirt an dà riaghaltas as dèidh coinneimh eadar MÌcheal Moore agus Nicola Sturgeon:
Rinneadh adhartas sùsbainteach a dhèanamh an-diugh, agus aig coinneamhan roimhe, air an obair airson aonta agus air deasbad mionaideach air diofar chuspairean. Feumaidh sinn na cuspairean seo fhaicinn còmhla a-nis agus dh'iarr sinn air oifigearan pasgan a chur ri chèile anns an beagan là ithean a tha romhainn.
Niste, tha an dà thaobh ag rà dh nach deach aonta mu dheireadh a ruighinn fhathast ach is coltach a-nis gu bheil iad air aonta a ruighinn anm am prionnsabal air na puingean fa leth a bha fo dheasbad.
Thuirt Nicola Sturgeon, "Gus am bi aonta air a h-uile rud, chan eil air sam bith".
Ach, thèid dreach dhen aonta a chur gu ministearan a dh'aithghearr.
Aonta
Gun an ìre seo a ruighinn, gus iarraidh air na seirbhisichean catharra an dreach sin a chur ri chèile, feumaidh gu bheil aonta a-nis ann air na rudan as connspaidiche.
Chan abair an dà thaobh dè bhios ann.
Ach, 's e an rud as coltaiche gun aontaich iad ri aon cheist - air neo-eisimeileachd a-mhà in - 's dòcha le cead-bhòtaidh do dheugairean mar chlach-thomhais airson Riaghaltas na h-Alba.
Nuair a tha an dreach seo deiseil, thèid a sgrùdadh le Ms Sturgeon agus Mgr Moore mus cuir iad romhpa am bu chòir a mholadh don phrìomhaire agus don phrìomh mhinistear.
Bhiodh dùil an uair sin ri aonta foirmeal eadar Ailig Salmond agus Dà ibhidh Camshron an ath-mhìos.
Tuilleadh air fà ire.