´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Aonta air fàire

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2012-09-19, 16:10

Saoil a bheil an dà riaghaltas nas fhaisge air aonta air an referendum?

Tha mi a' smaointinn gu bheil.

Chan ann air sgàth 's gun tàinig naidheachd mhòr bho choinneamhan an là an-diugh - cha tàinig.

Cha ann air sgàth 's gun deach fuasgladh a ruighinn air an àireamh de cheistean - cha deach.

Ach 's coltach gu bheil aonta a-nis air fàire, agus gun tig e a dh'aithghearr.

Dè a dh'atharraich?

Cumhachd

'S coltach gu bheil Riaghaltas na h-Alba ag ullachadh gus gabhail ri aon cheist a-mhàin air a' phàipear-bhaileit.

Ged a chanas iad nach eil cumhachd shònraichte ùr a dhìth orra gus bhòt a chumail, 's e sin an aon dòigh gus dùbhlan agus dàil a sheachnadh.

Cuimhnich, tha na nàiseantaich airson bile a chur fa chomhair na pàrlamaid tràth anns a' bhliadhna ùir.

Tha sin a dhìth gus a fhaighinn tron phàrlamaid ro dheireadh na h-ath-bhliadhna, a' fàgail ùine gu leòr ron bhòit fhèin ann an 2014.

Mar sin, tha an tìde a' ruith orra.

Ach fiù 's ma ghabhas Ailig Salmond ri aon cheist, cha bhi sin deireadh na sgeòil.

Riaghailtean

A dh'aithghearr, foillsichidh Riaghaltas na h-Alba sgrùdadh a' cho-chomhairleachaidh acasan air an referendum.

Tha dùil gun seall sin iarrtas airson ceist air tuilleadh chumhachdan a-measg an t-sluaigh.

'S coltach gu bheil Mgr Salmond a' creidsinn gun d'rinn e gu leòr mar-thà gus innse don fheadhainn sin gun robh esan deònach èisteachd riutha agus cha robh Dàibhidh Camshron.

Adhbhar eile, their e, smachd a thoirt air falbh bho Westminster tro bhòt airson neo-eisimeileachd.

Thuirt am prìomh mhinistear an-diugh gun robh dòchas gun gabhadh aonta a ruighinn anns an beagan sheachdainean a tha romhainn.

An uair sin, 's urrainn dhuinn crìoch a chur air an deasbad mu na riaghailtean, agus tòiseachadh air an deasbad cheart.

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.