Cosgais a' bhile
Bidh bhòt shaor air pòsadh gèidh nuair a thig e don phà rlamaid anns a' bhliadhna ùir.
Ach chuir Riaghaltas na h-Alba romhpa mar-thà gun tèid iad air adhart ris na planaichean seo agus tha là n dùil gum faigh iad taic nam ball.
'S e ceist eile dè an taic a gheibh iad taobh a-muigh na pà rlamaid.
°Õ³óò¾±²õ¾±³¦³ó a chaidh fhoillseachadh an-diugh.
Fhuair an co-chomhairleachadh mu dheireadh an à ireamh a bu mhotha de fhreagairtean a-riamh agus 77,508 neach a' toirt an cuid bheachdan seachad.
Mar a dh'shaoileadh tu, bha na beachdan sin là idir air an dà thaobh.
Cothrom na Fèinne
Thuirt am prìomh mhinistear gur e ceist tomhais a bha seo.
Air an aon là imh, thuirt e gu feumadh cothrom na fèinne a thoirt do gach saoranach.
Agus, dh'fheumte còirichean creidimh a dhìon aig a' cheart à m.
Tha Ailig Salmond a' creidsinn gun dèan am bile seo an dà rud sin.
Mar sin, bheireadh am bile seo cead do dh'eaglaisean agus buidhnean eile daoine dhen aon ghnè a phòsadh.
Ach, thuirt Mgr Salmond, nach toireadh air eaglais - air neo sagart no ministear sam bith - sin a dhèanamh an aghaidh an toil.
Deasbad
Tha Eaglais na h-Alba, An Eaglais Chaitligeach agus an Eaglais Shaor uile an aghaidh seo - ged a tha buidhnean crà bhaidh eile air a shon.
Anns an deasbad a leanas nì iad - agus luchd-strì airson chòirichean gèidh - am beachdan gu math follaiseach.
Tuigidh Riaghaltas na h-Alba sin.
Bu toil leotha a' chonnspaid a chunnaic a' phà rlamaid air Earrann 2A - mu teagasg anns na sgoiltean - a sheachnadh.
Agus bidh iad dòchas nach toir cosgais phoileataigeach a' bhile buaidh sam bith air an taic ron referendum ann an 2014.
'S e an tìde an dh'innseas.