Sabaid nan Sochairean
Tha dùil gum bi sochairean sòisealta nan adhbhar sabaid mòire ann an 2013.
Bhòt buill-pà rlamaid - Tòraidhean agus cha mhòr na Lib Deamaich uile - gus crìoch a chur air tòrr dhiubh agus air cuid de chreidisean cìse cuideachd.
Às dèidh seo, chan èirich iad le barrachd na 1% gu bliadhna gu 2016.
Tha an riaghaltas ag rà dh gum bi iad fhathast ag èirigh.
Ach tha bhòt an là an-diugh a' fà gail gun èirich iad aig ìre nas ìsle nan atmhorachd.
Mar sin, tha an fheadhainn a tha na aghaidh a' cumail a-mach gur e gearradh a tha seo.
"Leisgearan"
Nam measg, tha na dùbhlanaich Là barach aig Westminter, agus an Riaghaltas ann an Dùn Èideann.
A' bruidhinn airson pà rtaidh Ed Mhiliband, thuirt Liam Byrne gun toireadh a' chrìoch seo droch bhuaidh air daoine a bha ag obair agus chan ann air "leisgearan" nan suidhe aig an taigh.
Agus, thuirt e gun robh a' mhòrchuid dhe na daoine a bha gun obair ga h-iarraidh agus a' dèanamh oidhirp airson a lorg.
Gu mì-fhortanach do Mhgr Byrne ge-tà , 's e an rud a b' ainmeile a rinn e a-riamh nòta fhà gail air an deagsa aige ag rà dh nach robh airgead sam bith air fhà gail.
Chaidh na faclan sin a thilgeil na aghaidh le Rùnaire na h-obrach, Iain Donnchadh Mac a' Ghobhainn.
Dè dhèanamh esan, dh'fhaighnich e, gus dèiligeadh ri easbhadh ionmhais na dùthcha?
Gearan
Tha sochairean agus peinseanan Albannach fo smachd Westminster.
Thèid sin a chleachdadh am bliadhna-sa leis an SNP mar argamaid eile airson neo-eisimeileachd.
Anns an eadar-ama, chleachd an leas-phrìomh mhinistear comataidh na pà rlamaid Albannach airson crìoch nan sochairean a chà ineadh.
Thuirt Nicola Sturgeon gun toireadh i buaidh air 700,000 teaghlach ann an Alba anns an robh cuideigin ag obair.
An-drà sta, chan urrainn dhi ach gearan.
Ach an ath-bhliadhna, feuchaidh iad ri sin atharrachadh.