Deireadh na connspaid?
Bha dùil againn gun deigheadh connspaid na comhairle laghail a thogail aig a' chiad sheisean de Cheistean a' Phrìomh Mhinisteir an-diugh.
Ach cha deach.
Sin a dh'aindeoin a' chà inidh a bha - ged a fhuair an rannsachadh nach do bhris Ailig Salmond còd nam ministearan.
Chaidh na dùbhlanaich mun cuairt an-diugh a' feuchainn ri ar n-aire a thoirt do na h-earrannan nach robh math dha.
Agus rinn iad gearan ag rà dh gum bu bheag an t-iongnadh mun bhreith leis gun do thagh Mgr Salmond fhèin am britheamh.
Ach 's dòcha gun robh an tost aca anns an t-seòmar na fhianais nach d'fhuair iad na bha iad ag iarraidh.
°Õ°ù´Ç¾±³¾³ó±ð-³¦³óè¾±±ô±ð
Fhuair an rannsachadh nach robh Mgr Salmond a' feuchainn ri toirt air daoine creidsinn gu robh fianais shònraichte aig Riaghaltas na h-Alba mu bhallrachd Alba neo-eisimeiliche anns an Aonadh Eòrpach.
Ach fhuair Sir Dà ibhidh Bell gun do dh'adhbhraich na thuirt Mgr Salmond ri Anndra Neil anns an agallamh aige troimhe-chèile, agus gum bu chòir dha bhith na bu shoilleire.
Thuirt Mgr Bell cuideachd gum bu chòir Còd nam Ministearan fhèin atharrachadh airson cùisean mar seo a sheachnadh anns an à m ri teachd.
Bha am prìomh mhinistear fhèin riaraichte gu leòr.
Cho riaraichte 's gur esan a thog a' chùis anns an t-Seòmar aig à m na ceist.
Ach ma tha a' chonnspaid mun chomhairle - cha mhòr - seachad, tha a' chonnspaid nas fharsainge mu neo-eisimeileachd agus an Aonadh Eòrpach ann fhathast.