Pòsadh gèidh "cronail don Rìoghachd Aonaichte" a rèir na h-Eaglaise Saoire

Tùs an deilbh, AP

Tiotal an deilbh, Thòisich co-chomhairleachadh poblach air pòsadh gèidh a cheadachadh ann an Alba.

Tha Eaglais Shaor na h-Alba air a ràdh gur ann a dhèanadh pòsadh gèidh a bhith ceadaichte le Riaghaltas Westminster cron air an Rìoghachd Aonaichte gu lèir.

Tha co-chomhairleachadh a-nis air tòiseachdainn ann an Alba mu dhreach-bhile Riaghaltas na h-Alba a cheadaicheadh pòsadh gèidh.

Dh'fhoillsich Riaghaltas Westminster an cuid phlanaichean air a' chùis Dimàirt.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt oifigear mheadhannan na h-Eaglaise Saoire, an t-Urr. Ìomhar Màrtainn, gur ann a bheireadh leithid de rud droch bhuaidh mhòr air moraltachd air feadh na Rìoghachd Aonaichte.

Moraltachd

"Tha iad ag atharrachadh òrdachadh a tha bunaideil air feadh na Rìoghachd," thuirt e.

"'S e an rud a tha sinne ag ràdh, gu bheil seo a' dol a dh'atharrachadh moraltachd na Rìoghachd.

"Tha buaidh mhòr gu bhith ann air an Rìoghachd, agus mar a tha na daoine a tha a' fuireach anns an Rìoghachd a' tuigsinn dè tha ceart 's dè tha ceàrr.

"'S i dùthaich dheamocratach a th' ann, agus tha còir againn ar guth a thogail an aghaidh rud sam bith a tha sinn a' faicinn ceàrr agus cronail don dùthaich.

"'S e seo an cunnart: ma tha iad a' dol a dh'atharrachadh aon nì a thaobh pòsaidh, dè tha sàbhailte?

"Chan eil càil sàbhailte mu dheidhinn pòsaidh. Dè tha pòsadh a' ciallachadh o seo a-mach? A bheil e a' ciallachadh dithis dhuine còmhla airson a' chòrr de am beatha?

"Tha seo ag atharrachadh ciall phòsaidh. Agus dè mu dheidhinn triùir dhaoine aig a bheil gràdh còmhla? A bheil còir acasan a bhith a' pòsadh? Agus mar sin air adhart.

"Tha iad a' beantainn ri rudan a tha bunaideach agus ma thòisicheas iad air sin a dhèanamh, dè tha gu bhith againn an ath-bhliadhna agus an ceann còig bliadhnaichean agus mar sin air adhart?" thuirt e.

Laghan Co-ionnanachd

Fon lagh a tha ga mholadh ann an Sasainn 's a' Chuimrigh, bhiodh eaglais na stàite (Eaglais Shasainn, agus an Eaglais anns a' Chuimrigh) air an casg gu laghail bho bhith a' dèanamh phòsaidhean gèidh.

Tha buidhnean creidimh eile, leithid na Quakers, agus Iùdhaich Libearalach, airson pòsaidhean gèidh a thabhainn.

Tha Riaghaltas Bhreatainn ag ràdh gu bheil a bhith ga cheadachadh dhaibhsan a' tighinn a rèir saoirse chreidimh, agus seach gun do chuir Eaglais Shasainn agus an Eaglais sa Chuimrigh an aghaidh a' mholaidh cho mòr, gu bheil an casg a' cur dìon air saorsa creidimh nan eaglaisean sin.

Tha an Riaghaltas, an dà chuid ann an Westminster agus ann an Holyrood ag ràdh nach deadh toirt air eaglais no ministear sam bith pòsadh gèidh a dhèanamh an aghaidh an toil.

'S e na tha fa-near don lagh a thathas a' moladh ann an Sasainn 's a' Chuimrigh, ach gum faod eaglaisean cead iarraidh ma thogras iad.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun obraich iad còmhla ri Riaghaltas Westminster a thaobh a bhith ag atharrachadh laghan co-ionnanachd gus nach gabhadh ministearan a pheanasachadh nan diùltadh iad pòsadh gèidh a dhèanamh, no nam bruidhneadh iad a-mach an aghaidh phòsaidhean gèidh.

Nochd an dreach-bhile ann an Alba às dèidh co-chomhairleachaidh phoblaich air a' chùis, dhan tug an àireamh a b'àirde riamh - 77,508 duine - freagairt.

Thuige seo, tha còir aig cupail ghèidh ann an Alba com-pàirteachas sìobhalta fhaighinn, seach pòsadh.

Tha dùil, ma thèid a cheadachadh, gun gabhadh pòsaidhean gèidh dèanamh ann an Alba toiseach 2015.