´óÏó´«Ã½

Leasachach cidhe Stafainn

  • Air fhoillseachadh
Cidhe Stafainn

Thòisich obair a' leasachadh cidhe Stafainn san Eilean Sgitheanach.

Sa chiad phàirt dheth, tha iad a' leudachadh an rathaid chun a' chidhe agus a' cur ceangail dealain ùir thuige.

Tha iad an dùil tòiseachadh air a' chidhe fhèin meadhan an t-Samhraidh, ma gheibh iad an taic-airgid ris a bheil iad an dùil .

'S e Urras an Taobh Sear a tha os cionn a' phròiseict.

"Tha an obair air a bhith a' dol airson cola-deug," thuirt Dòmhnall Dòmhnallach bhon Urrais.

"'S e am prìomh amas againn ann a sheo 's e gum bi sinn a' dèanamh an rathaid nas fheàrr.

"Bidh tòrr làraidhean mòra a' dol sìos an sin nuair a thig obair air a' chidhe fhèin.

"Cuideachd ga dhèanamh nas sàbhailte do luchd-turais airson bidh iadsan fhathast a' dol sìos an sin," thuirt Mgr Dòmhnallach.

Cudromach

"Tha tòrr obair ri dhèanamh. 'S e a' leudachadh an rathaid an rud as cudromaiche.

"Tha lùb anns an rathad a tha cunnartach agus doirbh do luchd-turais gu h-àraid nach eil eòlach, mar sin tha sinn a' toirt sin às aig an aon àm.

"Tha sin a' toirt dhuinn cuideachd beagan creige a ghabhas a chleachdadh ann an àiteachan eile.

"Tha dealan a' dol sìos chun a' chidhe cuideachd agus bidh sin feumail airson a' phrìomh thachartais nuair a thig sin gu bith.

"Cuideachd tha sinn a' sùileachadh gum bi beagan den obair air a dhèanamh aig a' chidhe aig an ìre seo nach eil a' buntainn ris a' chidhe fhèin. Àiteachan airson chàraichean, rudan den t-seòrsa sin.

"Tha seo air bliadhnaichean de dh'obair a thoirt faighinn chun na h-ìre seo agus mar as àbhaist tha a h-uile càil an uairsin a' tachairt aig a' mhionaid mu dheireadh.

"Chanainn-sa gum biodh sinn a' tòiseachadh am meadhan an t-Samhraidh air an dàrna pàirt ach tha sin an urra ris an luchd-taice agus co-dhiù a gheibh sinn an t-airgead a tha a dhìth oirnn airson sin a dhèanamh.

"Tha sinn dòchasach gum faigh agus tha sinn ag obair gu cruaidh an-dràsta airson an t-airgead sin a thogail," thuirt Mgr Dòmhnallach.