Guidheàna, a’ Ghàidhealtachd agus Ball-coise

Tiotal an deilbh, Bha Anndra Watson na sgiobair air an sgioba Albannach a rinn a' chùis air Sasainn 6-1 aig raon-cluiche an Oval ann na 1881.

B' e a' chiad chluicheadair ball-coise dubh eadar-nàiseanta san t-saoghal, ach chan eil mòran an-diugh eòlach air eachdraidh Anndra Watson.

An seo ann an Alba tha e air tomhas do dh'aithneachadh fhaighinn sna bliadhnachan mu dheireadh, ach chan eil an coimeas ri cho cudromach 's a tha e ann an eachdraidh spòrs a tha cho bunaiteach ri cultar is fèin-aithne ar dùthcha.

Ach ceud bliadhna às dèidh a bhàis air an 8mh dhen Mhàrt 1921, tha iarrtasan a' fàs airson fada a bharrachd aithneachaidh mu na rinn Anndra Watson mar neach-spòrs dubh - agus mar fhear a rinn adhartas sònraichte ann am ball-coise.

Arcaibh, Cill Tighearna, agus Guidheàna

Rugadh Anndra Watson ann an Guidheàna ann an 1856.

B' e boireannach dubh saor Guidheànach - Hannah Rose - a bha na mhàthair.

B' e Peadar Miller Watson athair.

Bhuineadh athair do dh'Arcaibh agus Cill Tighearna ann an Siorrachd Rois.

B' ann an Cill Tighearna a rugadh Peadar agus chur e seachad a' mhòr-chuid de dh'òige an sin.

B' e a sheanair air taobh a mhàthar, Harry Robastan, ministear na sgìre, agus chaidh a thogail leisesan 's a bhean, Anna, bho bha e trì bliadhna a dh'aois às dèidh bàs athair.

Ghluais e gu Liverpool aig aois deich bliadhna, agus às an sin an 1822 dh'fhalbh Peadar Miller Watson airson a' cholonaidh Bhreatannach, Demerara (mar a chaidh iomadh neach eile bho cheann a tuath na h-Alba).

Chaidh e an sàs an sin ann an gnìomhachas teaghlach a mhàthar: a' ruith phlanntachaidhean agus a' reic 's a ceannachd thràillean.

Tha eachdraidh teaghlaich Anndra Watson mar sin freumhaichte sna ceanglaichean domhainn is iomadh-fhillte eadar a' Ghàidhealtachd is tràilleachd.

Tha an t-eachdraiche Dàibhidh Alston air rannsachadh a dhèanamh air na ceanglaichean sin.

"Chan urrainnear sgaradh a dhèanamh eadar eachdraidh teaghlaich Pheadar Miller Watson, is eachdraidh teaghlaich Anndra Watson, agus sgeulachd na tràilleachd ann an Alba", thuirt e.

"Tha e dlùth-cheangailte ris an eachdraidh sin, ach tha e cuideachd cudromach gun dèan sinn moladh air na rinn Anndra Watson mar Albannach Guidheànach".

Adhartas

Agus gun teagamh, 's e sgeulachd iongantach a th' ann.

An dèidh dha gluasad a Bhreatainn còmhla ri athair, fhuair e oideachadh ann an Lunnainn, mas deach e a dh'Oilthigh Ghlaschu.

Rinn e cùrsaichean ann am feallsanachd, einnseanaireachd, agus matamataig, agus bha am Morair Cheilbhinn am measg an luchd-teagaisg aige.

B' ann aig Oilthigh Ghlaschu a ghabh e ùidh an toiseach ann am ball-coise, an spòrs san do choisinn e cliù mòr agus anns an do rinn e adhartas sònraichte.

Sgrìobh an Dr Tony Talburt, a tha na eòlaiche air eachdraidh sòisealta nan daoine dubha ann am Breatainn, leabhar mu Anndra Watson bho chionn beagan bhliadhnaichean.

"'S e cluicheadair ball-coise dubh a rinn adhartas mòr a th' ann an Anndra Watson", thuirt e.

"Tha mi a' smaoineachadh gun robh e air leth cudromach do gheama a' bhuill-coise mar a tha sinn eòlach air an-diugh".

Bho Queen's Park gu Corinthian

Dè ma-thà a rinn e anns a' gheama?

Chluich e airson sgiobaidhean Maxwell agus Parkgrove ann an Glaschu, mas deach e gu Queen's Park - an club a bu mhotha san dùthaich - ann an 1880.

Chluich e airson sgiobaidhean ann an Sasainn cuideachd, Corinthian an Lunnainn nam measg, aon dhe na sgiobaidhean a bu chlùitiche aig an àm.

Agus tha rannsachadh a chaidh a dhèanamh o chionn ghoirid a' dèanamh dheth gun do chluich e aig ìre phroifeasanta cuideachd airson Bootle FC an 1887.

Bha sin ro Arthur Wharton, a bha air fhaicinn roimhe mar a' chiad chluicheadair dubh proifeasanta.

Sgiobair

Ach àirde a' chliù? Tha e duilich coimhead seachad air na trì tursan a chluich e do dh'Alba, agus aon gheama gu sònraichte.

Bha e na sgiobair air an sgioba Albannach a rinn a' chùis air Sasainn 6-1 aig raon-cluiche an Oval ann na 1881.

B' e sin a' bhuaidh a bu mhotha a-riamh a bh' aig Alba an aghaidh Shasainn.

Bhuannaich Alba an dà gheama eile anns na do chluich e cuideachd, le buaidh an aghaidh na Cuimrigh goirid as dèidh a' chiad gheama sin; agus Sasainn a-rithist aig pàirc Hampden ann an 1882, leis na h-Albannaich a' buannachadh 5-1 air beulaibh 11,000 neach-amhairc.

Comharrachadh

Ciamar ma-thà a bu chòir dhuinn cuimhneachadh air Anndra Watson ceud bliadhna às dèidh dha bàsachadh?

Tha neach-naidheachd a' bhuill-coise, Ailig O' Henley, dhen bheachd gu bheil cuimhneachan susbainteach, faicsinneach a dhìth.

"Tha sinn a' bruidhinn gu math tric na làithean seo air a bhith a' leagail ìomhaighean, ach 's dòcha gum bu chòir dhuinn a bhith a' cur suas ìomhaigh dhethsan" thuirt e.

"'S dòcha ann an Glaschu, 's dòcha ann an Ceàrnag Sheòrais.

Bu chòir a theagasg cuideachd; bu chòir eòlas a bhith aig a h-uile gille agus a h-uile nighean air Anndra Watson, oir tha e a' sealltainn nach eil e gu diofar dè an craiceann, no dè an gnè a th' agad, no cò às a bhuineas tu, gun urrainn dhut do shlighe a dhèanamh anns an t-saoghal".