Rinn sinn 霉rachadh air ar poileasaidh mu phr矛obhaideachd is 诲脿迟补-产谤补产丑蝉补颈谤
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phr矛obhaideachd is 诲脿迟补-产谤补产丑蝉补颈谤 agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh d猫 tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan d脿ta agaibh.
'Feumaidh sinn freagairtean' - Hughes
Thuirt manaidsear Ross County gum feum an sgioba aige adhartas a dh猫anamh san aithghearrachd 脿s d猫idh dhaibh call ri St Mirren oidhche Chiadain.
Rinn na Buddies an gnothach 3-1 ann an Inbhir Pheofharain is County a' tuiteam dhan d脿rna 脿ite bhon bhonn sa Phr矛omh L矛og le d矛reach tr矛 geamaichean air fh脿gail.
Bha sin a dh'aindeoin is mar a bha Jordan White air County a chur air thoiseach sa chiad leth.
Th脿inig St Mirren air ais a-steach dhan gheama tr脿th san d脿rna leth le tadhal bho Lee Erwin is e a' tilleadh dhan t-seann sgioba aige.
Measgaichte
Rinn tadhail bho Ilkay Durmus (71) is breab-peanais bho Jamie McGrath (92) cinnteach gun rachadh na puingean a Ph脿islig.
Bha na geamaichean eile car measgaichte bho shealladh Ross County.
Tha Hamaltan fhathast aig a' bhonn is iad air call 1-0 ri Tobar na M脿thar, ach shreap Cill Mhe脿rnaig os cionn na Staggies le buaidh 3-0 an aghaidh Dundee United.
Mar sin, tha County an-dr脿sta san 脿ite play-off 'son fuireach sa Phr矛omh L矛og.
"Cha bhuannaich sinn geamaichean sam bith ma tha sinn a' call dh脿 no tr矛 tadhail", thuirt Iain Hughes 脿s d猫idh l脿imh.
"Tha rudeigin ce脿rr is feumaidh sinn coimhead ris.
"Feumaidh sinn freagairtean is fuasglaidhean agus tha mi an d貌chas gun urrainn dhuinn an lorg", thuirt e.
Bidh beagan 霉ine aig Hughes a-nise gus me貌rachadh air a' ch霉is is County gu bhith nan t脿mh Disathairne.
Bunaiteach
Tillidh iad dhan ph脿irc seachdain Disathairne aig Tannadice an aghaidh Dundee United, is seusan na l矛ge an uairsin a' tighinn gu ceann le geamaichean an aghaidh Hamaltain is Tobar na M脿thar.
Dh'innis Hughes gu bheil e fhathast misneachail nach t猫id an sgioba aige s矛os.
"'S e na tadhail a tha sinn a' call, tha iad ro sh矛mplidh.
"Chan eil ceist idir orm mu spiorad nan cluicheadairean is an oidhirp a tha iad a' d猫anamh ach 's e na rudan bunaiteach a dh'fheumas sinn a dh猫anamh ceart.
"Ma n矛 sinn sin, fuirichidh sinn san l矛og seo", thuirt e.