Nuair a chaidh Spurs a sgoltadh air a' Ghàidhealtachd

Tùs an deilbh, Courier Inbhir Nis

Tiotal an deilbh, "Special Football Attraction" ann an Inbhir Nis air ais ann an 1921.
  • Ù²µ³ó»å²¹°ù, Dòmhnall Pollock
  • Dreuchd, ´óÏó´«Ã½ Naidheachdan

Chan fhaca Inbhir Nis an leithid a-riamh.

Air ais san t-Sultain 1921 bha suidheachadh na h-Èireann air àirde na teasaich a ruighinn aig an dearbh àm 's a bha am Prìomhaire a' gabhail fois, no a' feuchainn co-dhiù, air làithean samhraidh ann an Geàrrloch.

Cha robh dol às ann ach coinneamh èiginn den chaibineat a ghairm ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd.

Lloyd George, Churchill is eile timcheall a' bhùird ann an talla a' bhaile is Inbhir Nis, 'son treiseag bheag co-dhiù, air aghaidh phàipearan-naidheachd thall 's a-bhos.

Ach do gu leòr air sràidean Inbhir Nis, b' e aoighean eile à Lunnainn a bha ann am beul a' bhaile.

"We have pleasure in advising the football public of Inverness to look forward to a visit from a famous English combination", dh'innis Courier Inbhir Nis.

Às dèidh dhaibh Cupa an FA a bhuannachadh, bha Tottenham Hotspur a' gabhail sgrìob gu tuath. Is cha robh turas Spurs dhan Ghàidhealtachd ann an 1921 cho annasach 's a tha e 's dòcha a' coimhead bho shealladh 2021.

Tùs an deilbh, Getty Images / Mirrorpix

Tiotal an deilbh, Cuairt dheireannach Chupa an FA an 1921 eadar Tottenham is Wolves. "The superiority of the Spurs was never in doubt", arsa na pàipearan naidheachd.

B' e fear Peadar MacUilleim a bha air Tottenham a stiùireadh gu Cupa an FA. Ach bha slighe MhicUilleim gu White Hart Lane air tòiseachadh air Sràid Earra-Ghàidheal ann an Inbhir Nis. Agus bha e nàdarra gu leòr mar sin gun do bhreab MacUilleim ball an toiseach faisg air làimh aig Pàirc Kingsmills, dachaigh Thistle.

Bha am balach òg math is cha robh e fada gun chliù a chosnadh dha fhèin. Bho Thistle chaidh e gu Newcastle is sgioba na h-Alba, le cuid ag ràdh gur e half back cho math 's a bha san rìoghachd.

'S mòr an call ma-tha gun tàinig air 'Peter the Great' sguir a chluich tràth is e air a leòn gu dona a' cluich do dh'Alba. Am beachd an Sporting Life, b' e seo call "one of the greatest players ever known. Football to McWilliam was not a game for strong men only; it was as he played it a game for the artist, he was almost pretty in his ways".

Cha robh MacUilleim fada na thàmh. Chaidh a stèidheachadh mar mhanaidsear air Spurs agus thòisich e air an togail gu àrd-ìre le stoidhle stèidhichte air am ball a chumail, stoidhle a dh'ionnsaich e aig Newcastle is a thàinig às Alba bho thùs. Is bha cuimhne aige cuideachd air cò às a thàinig e is am beartas tàlant a chunnaic e air pàircean na Gàidhealtachd.

Am measg na sgioba a thog Cupa an FA dha bha Bob Dòmhnallach, balach eile às Inbhir Nis a bha MacUilleim air a thoirt gu deas bho Chaledonian. Agus air iomall na sgioba bha Willie Whitton, a bha am manaidsear cuideachd air togail bho Chaley.

Bha blas math Inbhir Nis a' ruith tro sgioba Spurs ma-tha, agus 's ann a bha na balaich a' tilleadh dhachaigh san t-Sultain 1921.

Tùs an deilbh, Am Baile / HLH Libraries

Tiotal an deilbh, Seann Taigh-òsta a' Chaledonian ann an Inbhir Nis far an do dh'fhuirich Spurs.

Cha do thòisich iad buileach mar a bhiodh iad ag iarraidh. Stad iad ann an Glaschu 'son geama an aghaidh Partick Thistle, a bha dìreach air Cupa na h-Alba a thogail. B' iad na Jags a thàinig am bàrr ann am Blàr Bhreatainn 3-1.

Thog Spurs orra gu tuath 'son geama an aghaidh sgioba thaghte ann an Inbhir Nis. Bhiodh seo na b' fhasa, tha fios.

Ged a bha Caley is Thistle dìreach air a bhith a' strì an aghaidh a chèile ann an Cupa Qualifying na h-Alba, chaidh fois-foirneirt a ghairm is thàinig iad còmhla feuch geama air choireigin a thoirt do na Sasannaich.

Chan e gun robh dùil aig duine gun cumadh iad ceann a' mhaide riutha. "A great combination of brilliant artistes, true sportsmen who play the game as it should be played in a gentlemanly spirit, combined with science", dh'innis an Courier, is iad ag aideachadh gum biodh e "perhaps unreasonable to expect a combination of the Caley and Thistle to beat this distinguished band of players". ¶Ùì°ù±ð²¹³¦³ó.

Bha Pròbhost Dòmhnallach ann gus fàilte bhlàth Ghàidhealach a chur air Spurs nuair a ràinig iad is iomradh aige air na h-aoighean eile às Lunnainn a bha aig tuath. Ged a bha Spurs air tighinn às a' Mhetropolis mòr, thuirt e, bu chòir dhaibh cuimhneachadh gur ann às Inbhir Nis a bha an ìmpireachd air a riaghladh a-nise.

Ach Lloyd George is Churchill ann no às, b' e seo ticead cho teth 's a bh' ann. Le trèanaichean sònraiche a' toirt luchd-taic a-steach, bha Pàirc Sràid Telford gus burstadh. Nuair a rinn Tottenham an t-slighe sìos bho Thaigh-òsta a' Chaledonian, bha sluagh cho mòr 's a bha a-riamh ann a' feitheamh riutha.

Tùs an deilbh, HES

Tiotal an deilbh, Sràid Telford anns na 1920an leis an taigh-staile air a' chùl is achaidhean mun cuairt.

Cha do chuir e Spurs suas no sìos is bha na Sasannaich air thoiseach tràth bho Thomson. Bha an cuid tàlant follaiseach. "Crisp passing of the ball, ease of movement and certainty of purpose characterised the play of the visitors". A dh'aindeoin gach oidhirp bho bhalaich Chaley is Thistle, bha iad ann an cunnart a dhol fodha is an geama gun ach tòiseachadh. Dìreach mar a bha dùil.

Cha deach ge-tà, is mar a chaidh an ùine seachad 's ann a thòisich Inbhir Nis ri beagan ball-coise a chluich iad fhèin ann am fasan, a rèir choltais, a chuir "iongnadh" air na Sasannaich.

Chrìochnaich aona ghluasad a bha gu sònraichte tarraingeach le tadhal bho Dhòmhnallach. Nochd an uair sin Lamb le oidhirp bho astar is creid thusa, an sgioba thaghte air thoiseach.

Fhreagair Spurs sa bhad ach bha misneachd a' taomadh tro Inbhir Nis a-nise. Chuir Lamb tè eile is an uair sin MacCoinnich air an targaid. 4-2 aig leathach-slighe! Iongnadh an tuirt thu?

Ge bith dè thuirt MacUilleim aig leathach-ùine cha do dh'obraich e, is Robertson a' cur tadhail eile do dh'Inbhir Nis.

Geama càirdeil ann no às, bha seo ann an cunnart fàs car nàir 'son Spurs. Rinn iad oidhirp às ùr ach cha robh Sràid Telford a' còrdadh ri muinntir Lunnainn. "Their shooting was wild", sgrìobh an Courier is Spurs a' fàiligeadh le breab-peanais.

Mu dheireadh thall fhuair iad tè air ais, ach b' e là Inbhir Nis a bha seo is Dòmhnallach a' cur crìoch air cùisean ro dheireadh na h-oidhche.

Tùs an deilbh, Getty Images / A. Hudson

Tiotal an deilbh, Peadar MacUilleim (san ad) le cluicheadairean Spurs anns na 1930an.

Sgioba Thaghte Chaledonian is Thistle 6 Tottenham Hotspur 3. 'S dòcha gun robh an ìmpireachd dha-rìribh air a riaghladh às Inbhir Nis.

Chaidh a h-uile duine air ais gu Taigh-òsta a' Chaledonian 'son hòrò-gheallaidh. Bha Inbhir Nis airidh air a' gheama a bhuannachadh, thuirt MacUilleim fhèin, is bha mar a chluich iad air sealltainn gun robh "glè bheag ceàrr air ball-coise na Gàidhealtachd".

Cò chanadh nach robh Peter the Great rudeigin moiteil. Bha e nas modhaile co-dhiù na bha an Highland News, a thuirt gun robh sgioba Spurs air tighinn gu tuath le "airy notions as to its superiority", is gun robh balaich Chaley is Thistle air an cur dhachaigh le taisbeanadh a sheall nach robh sin ach gòraiche. Tha an-còmhnaidh cuideigin ann.

Cha do ghabh Spurs san t-sròn e is h-uile coltas ann gun do chòrd a' Ghàidhealtachd riutha le tursan gu Caisteal Chaladair, Cùil Lodair is Srath Ghlais. Is bha deagh sheusan aca air a' cheann thall is iad a' crìochnachadh san dàrna àite air cùl Liverpool ann an Lìog Shasainn.

'S dòcha gun robh sin - agus nach b' iad Caley is Thistle fiù 's na sgiobaidhean a b' fheàrr ann an Inbhir Nis air an t-seusan ud - dha-rìribh na chomharra air neart a' bhuill-coise air a' Ghàidhealtachd aig an àm.

Ma bha e na eisimpleir air na dhèanadh iad còmhla, cha robh duine deònach a ràdh. Chaidh Caley is Thistle air ais ann an ugannan a chèile fad 70 bliadhna eile mus tàinig iad ri chèile a-rithist ceart - mu dheireadh thall - ann an 1994.

Sin às dèidh buaireadh dioplòmasach a bhiodh air fiù 's Lloyd George is Churchill a chur droil.

Tùs an deilbh, Getty Images / H. F. Davis

Tiotal an deilbh, Peadar MacUilleim (san ad) às dèidh dha tilleadh gu Spurs an dàrna turas ann an 1938.

Agus Peter the Great? Uile gu lèir, bha e na mhanaidsear air Spurs nas fhaide na duine sam bith eile, le spealag aig Middlesbrough sa mheadhan. Chaochail e ann an 1951 is e a-nise air a dhol an dìochuimhne aig a' mhòr-chuid, fiù 's sa bhaile anns an do thogadh e.

Am beachd chuid, 's e tàmailt mhòr a tha sin.

A rèir an fhir-naidheachd Alfie Potts Harmer, thug Peadar MacUilleim fìor bhuaidh air feadhainn a thàinig às a dhèidh agus air ball-coise san fharsaingeachd.

Bha Vic Buckingham, Arthur Rowe is Bill Nicholson am measg na chluich fo MhacUilleim is a ghabh ris an stoidhle chluich aige stèidhichte air am ball a chumail. Stiùir Rowe is Nicholson às dèidh sin Spurs dhan tiotal. Chaidh Buckingham gu Ajax is Barcelona far an do chuidich e le prionnsabalan a stèidheachadh a bheireadh an dà chluba sin gu àrd-ìre.

"Chluich MacUilleim san sgioba as fheàrr an Sasainn aig an àm, bha e na sgiobair air Alba. Mar mhanaidsear tha feadhainn eile air barrachd a dhèanamh, ach glè bheag le dìleab cho mòr", tha Potts Harmer ag ràdh.

"Bhuannaich e Cupa an FA is chleachd e stoidhle ùr ann am ball-coise Shasainn. Ann am Buckingham, Rowe is Nicholson, choidsich e triùir a bha air leth cudromach ann an eachdraidh a' gheama is dh'ionnsaich e dhaibh stoidhle a bha soirbheachail dhaibh.

"Nuair a tha sinn a' coimhead ri fàs a' bhuill-coise, tha Peadar MacUilleim mar fhuamhaire".

Fuamhaire is Fàidh a-nise gu ìre mhòir gun urram na dhùthaich fhèin.