Òige, an t-Ògmhios agus amas air Àireamh a h-aon

Tùs an deilbh, SNS

Tiotal an deilbh, Tha Hampden a' feitheamh air sgioba na h-Alba agus Euro 2020.
  • Ù²µ³ó»å²¹°ù, Ruairidh A MacIllFhinnein
  • Dreuchd, Ruairidh MacLennan

'S ann air an 10mh latha dhen t-Ògmhios ann an 1998 a chluich sgioba nam fear aig Alba a chiad gheama aca anns a cho-fharpais eadar-nàiseanta mu dheireadh aca. Ged a chaill gillean Craig Brown le dà thadhal gu h-aon an aghaidh Brasil air an latha ud, las breab-pheanas John Collins teine ann an iomadh neach òg.

'S iad the Tamperer agus Maya a bha aig mullach na charts an latha ud le 'Feel It' - òran a dh'fhuirich aig mullach a chlàr airson seachd seachdainean. Fonn togarach a bha iomchaidh airson samhradh anns an d'thàinig na sgiobaidhean as fheàrr anns an t-saoghail agus an luchd-leantainn aca còmhla airson fèill mòr a' bhuill-coise anns an Fhraing.

An-diugh, le na Euros gus tòiseachadh air feadh na Roinn-Eòrpa, tha Alba mu dheireadh thall air ais air àrd-ùrlar mòr, ach tha an saoghal air atharrachadh bho France 98. Cha do rugadh Olivia Rodrigo - a tha aig mullach na charts an-diugh - nuair a chluich Alba mu dheireadh aig farpais eadar-nàiseanta.

Cò aige a tha fios a bheil an dearbh thè gu bhi taghadh sgioba Steve Clarke na ceann mar a bhios iomadh neach, ach tha mòran dhe a h-aois nach do rugadh ann an am airson Cupa na Cruinne ann na 1998 neo a tha ro òg airson cuimhne a bhi aca air an tachartas a bha sin.

Tùs an deilbh, SNS

Tiotal an deilbh, 'S ann air Steve Clarke a bhios an cuideam sgioba na h-Alba a thaghadh.

Nam measg tha Stuart Urchadan - fear a tha tric air suidhe ri mo thaobh fhìn aig geamannan na h-Alba - agus as aonais soirbheachas air an leanag nas trice na bhiodh sinn ag iarraidh. A dh'aindeoin sin, tha na Euros nan adhbhar toileachais agus nan adhbhar dòchais dhan dearbh fhear.

Tiotal a' bhidio, Chan eil cuimhne aig Stuart Urchadan air Cupa na Cruinne ann an 1998.

'Tha sinn a' faireachdainn gu math excited mu dheidhinn agus tha sinn a' coimhead air adhart ris gu mòr. Tha sinn cleachdte ri bhi a' coimhead air na co-fharpaisean mòra a tha seo agus chan eil Alba air a bhi ann riamh….tha faireachdainn math ann mun cuairt an dùthaich a-nis.'

Sin faireachdainn nach eil cuid de luchd-taic na h-Alba air fhaireachdainn riamh roimhe. Tha sin a' tighinn le cuideam gu dearbha, ach chan fheum cion-mhisneachd tighinn leis an sin cuideachd. Ach na cluicheadairean-glèidhidh, chan eil ach aon chluicheadair aig Alba a tha 30 bliadhna dh'aois neo nas sine, agus am measg an luchd-taic òga tha na h-amasan àrd cuideachd. Nam measg tha Isabelle Bain.

Tiotal a' bhidio, Chan eil cuideam air Alba mar a tha air sgiobaidhean eile an rèir Isabelle Bain.

"Chan urrain dhuinn a bhi càil ach dòchasach…cluich cho math 's as urrainn dhaibh agus chan eil fhios dè thachras. Chan eil pressure orra anns an dòigh nach eil sinn riamh air faighinn a-mach a group sam bith mar seo…tha teans againn airson eachdraidh a dhèanamh."

Thog manaidsear na h-Alba, Steve Clarke, air mar a tha sgioba na h-Alba air feuchainn ris an dòigh smaointinn mun sgioba nàiseanta atharrachadh. Cha bu chòir do dh'Alba a bhith a' gabhail feagal mu bhith a' call, ach a' smaointinn ann an dòigh a tha adhartach agus ann an dòigh a tha ag amas air buannachadh.

Bha e feumach air buidheann de chluicheadairean òga airson sin a thoirt gu breith, ach mar a tha àite na h-Alba aig na Euros a' dearbhadh, chan eil dad ceàrr air beagan misneachd neo fiù's taobh a tha caran bragail. Bha Alex Andrews a' leantainn sgioba nam ban aig Alba aig Cupa na Cruinne ann an 2019, ach tha i a-nis an dòchas gum fàg na fir comharra air na Euros.

Tiotal a' bhidio, Bu toil le Alex Andrews Alba fhaicinn le 9 puingean bho 9.

"Nuair a fhuair sinn qualification, bha a h-uile duine direach buzzing! Tha e air a bhith bliadhnaichean agus bliadhnaichean bhon a fhuair sgioba nam fear gu tournament mar na Euros neo Cupa na Cruinne…tha e a' dol a bhith glè mhath tha mi a' smaoineachadh…tha mi a' dol airson naoi puingean."

Chan eil i na h-aonar. Tha tè a bhios a cluich còmhla rithe ann an sgioba nam ban aig Caley Thistle Inbhir-Nis, Peigi Barker, cuideachd an dòchas gun urrainn dha na h-Albannaich òga air an leanag toileachas a thoirt do dh'Albannaich òg air falbh bhon leanag.

Tiotal a' bhidio, Faighinn troimhe dhan ath chuairt. Sin amas aig Peigi Barker.

"Tha sinn an còmhnaidh ag iarraidh gun dèan Alba gu math, ach tha mi a' smaointinn am bliadhna seo gum faigh sinn a-mach as an group."

Ged a b'è naoi puingean bho naoi neò dìreach faighinn a-mach às a' bhuidhinn anns a' bheil Alba le Poblachd na Seice, Sasainn agus Croatia, tha luchd-taic òg na h-Alba an dùil ri taisbeanadh bho Alba a bheir an sgioba nas fhaide na tha iad riamh air a bhith ann am farpais eadar-nàiseanta.

Ach tha fios aig luchd-taic - sean agus òg - nach eil ball-coise tric cho sìmplidh sin. 'S urrainn do thoileachas tighinn dìreach ro bhriseadh-dùil, neo an rathad eile. Tha Dòmhnall Ailig Moireasdan eòlach air an sin bho bhith cluich e fhèin, ach tha e mar neach-taic aig sgioba na h-Alba cuideachd.

Tiotal a' bhidio, Tha fios aig Dòmhnall Ailig Moireasdan mu na faireachdainn a thig le sgioba na h-Alba.

"Tha e neònach nach eil? Ann an 19 bliadhna chan eil mi riamh air Alba fhaicinn aig farpais mòr. Tha mi a' smaointinn a' chuimhneachan as fheàrr a th'agam bho bhith a' coimhead air Alba 's e 2017 nuair a chluich iad Sasainn agus fhuair Leigh Griffiths an dà thadhal an sin. Agus cha do mhair an toileachas a bha sin ro fhada idir!"

Puingean àrd agus slocan ìosal. Sin dà rud ris a bheil neach-taic sam bith aig Alba an dùil. Chan eil uidhear de phuingean àrd air a bhith ann dhan fheadhainn aig nach eil cuimhne air France 98, ach tha Euro 2020 a tighinn le cothrom do ghinealach eile a bhith ag aisling mu ghlòir air an àrd-ùrlar eadar-nàiseanta. Sin mar a tha Callum MacIllinnein ga thuigsinn.

Tiotal a' bhidio, Tha Callum MacIllinnein a’ coimhead air adhart ris na Euros gu mòr.

"Tha mi a' coimhead air adhart ris gu mòr…rud ris nach robh dùil agam gu bràth le mar a tha Alba air bhith anns na bliadhnaichean mu dheireadh. Barrachd air fichead bliadhna, ach tha mi a' coimhead air adhart ris dha-rìribh."

Tha trì thar fhichead bliadhna air ùine a thoirt do ghinealach air fad fàs suas. Anns an am sin tha sgiobaidhean, coimhearsachdan, meadhanan sòisealta agus iomadh rud eile air atharrachadh. Tha na lorgar aig bàrr na charts gu math eadar-dhealaichte ann an 2021 na bha ann na 1998, ach tha Albannaich sean agus òg, air gach taobh dhen loidhne dhen leanag, gu bhith ag aisling mu dheidhinn àireamh a h-aon a dh'aindeoin.