Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Moladh cruth-atharrachadh a thoirt air farpaisean còisir
Tha An Comunn Gà idhealach a' coimhead ris an atharrachadh as motha air a' Mhòd Nà iseanta Rìoghail ann an còrr air 100 bliadhna - atharrachadh a dh' fhaodadh a bhith connspaideach.
Dheadh ionnsramaidean ciùil agus fiù 's dannsa a thoirt a-steach air prìomh fharpaisean nan còisirean.
Am measg nan atharrachaidhean dheadh cur às do phrìomh fharpais Sgiath MhicShimidh agus Thullaich Bhà rdain - an L&T - san riochd anns a bheil i an-drà sta.
'S bhiodh stoidhlichean-ciùil leithid seinn "barbershop" agus "musical" ceadaichte.
Tha gu deireadh na h-ath mhìos aig còisirean an cuid beachdan air na molaidhean a chur air adhart.
Fo na molaidhean seo dheadh cur às do dh'fharpaisean nan còisirean dùthchail agus sgìreil mar a thathar eòlach orra.
Bhiodh na prìomh fharpaisean stèidhichte air meud nan còisirean.
Bhiodh dà phrìomh fharpais ann - tè 'son còisirean mòra agus an t-èile son còisirean nas lugha.
Tha na tha An Comunn a' sùileachadh bho na còisirean gu math eadar dhealaichte bho na thathas a' dèanamh an-drà sta.
Bhiodh aig còisirean ri prògram ciùil de suas ri 12 mionaid a dhèanamh agus bhiodh suas ri ceithir òrain ceadaichte.
'S e dìreach aon dhiubh a dh'fheumadh a bhith san stoidhle thraidiseanta.
Bhiodh saorsa aig còisirean dè a dhèanadh iad leis a' chòrr.
Bhiodh e ceadaichte luchd-ciùil a thoirt a-steach agus bhiodh e ceadaichte puirt à beul a ghabhail. (Cha bhiodh farpais puirt à beul fa leth ann.)
Bhiodh e cuideachd ceadaichte òrain air an eadar theangachadh bho nòsan eile leithid òrain chlasaigeach, òrain "barbershop" agus òrain bho "musicals" a sheinn.
A thuilleadh air a sin bhiodh "dannsa cruthachail" agus "percussion bodhaig" ceadaichte.
Am measg nan ceistean a th' ann mun seo tha ciamar a nithear breithneachadh air na farpaisean sin agus ciamar a nithear taghadh eadar còisir a sheinneas ceithir òrain ann an stoidhle a tha traidiseanta do chòisir aig Mòd agus còisir a bhios a' seinn ann an stoidhle "barbershop" agus a tha a' dèanamh beagan dannsa cruthachail.
An à ite farpais airson còisirean do dh'fir agus do bhoireannaich dheadh an dòigh a tha iad air an ainmeachadh atharrachadh gu farpais còisir do ghuthan soprano agus alto agus farpais còisir do ghuthan tenor is beus.
Tha seo airson 's gun tèid cumail ri poileasaidh co-ionnanachd agus iomadachd A' Chomuinn.
Bhiodh sin air Diardaoin a' Mhòid a-mhà in agus bhiodh na còisirean mòra is beaga còmhla sna farpaisean sin.
Cuideachd air an Diardaoin thathas a' moladh gum bi farpais airson còisirean Ceilteach ann far am bi cead aig còisirean seinn sa Ghà idhlig, air a neo ann an Gà idhlig na h-Èireann, sa Chuimris, ann am Breatnais, Còrnais no ann an Gà idhlig Mhanainn.
Dh'fhalbhadh siostam na cairt Gà idhlig a th' ann an-drà sta do chòisirean - far a bheil buill gach còisir a' faighinn cairt bhon Chomunn ma tha iad fileanta gu leòr sa Ghà idhlig.
An à ite sin thathas a' moladh gum biodh plana cà nain aig gach còisir agus gum biodh liosta aig gach còisir de na buill aca, le measadh ga dhèanamh air ìre na Gà idhlig aig gach ball.
Bhiodh An Comunn cuideachd a' sùileachdh fiosrachaidh bho na còisirean air na tha iad a' dèanamh airson Gà idhlig na ballrachd a thoirt air adhart.
Dheadh liosta de chlasaichean goirid seachdainneach air-loidhne a chur air dòigh a bhiodh ri fhaotainn do chòisirean. Bhiodh aca ri cosgaisean rianachd a phà igheadh airson sin.
Tha An Comunn ag rà dh gu bheil iad an dòchas gum brosnaich seo buill "leantainn orra leis an t-slighe ionnsachaidh aca fhèin".
Tha iad ag rà dh cuideachd gur e "comas sa chà nan" agus a bhith ag adhartachadh na Gà idhlig fhathast prìomh amas na buidhne, ach le a bhith a' moladh cur às do na cà irtean cha bhi uidhir a dh'uallaich air còisirean à ireamh shònraichte de dh'fhileantaich a bhith aca mar a th' ann an-drà sta.
Tha An Comunn ag à adh gu bheil iad a' gabhail a' cheum seo 's iad air fios fhaighinn thar nam bliadhnaichean mu dheireadh bho stiùirichean, buill còisir is eile gu bheil structar nam farpaisean a' cur feum air ath-chruthachadh.
Tha iad ag rà dh gun deach sin a dhèanamh soilleir gu sònraichte an dèidh Mòd Inbhir Nis ann an 2021 nuair a chaidh cruth taisbeanaidh a chur air na farpaisean còisir agus buaidh Covid fhathast ga fhaireachdainn.
Chuir An Comunn buidheann-bheachdachaidh air dòigh le cuid de stiùirichean còisir - aon stiùiriche bho gach farpais - agus britheamhan ciùil, profeiseantaich cà nain agus riochdairean bho fhèisean còisir Ceilteach eile.
A thuilleadh air a sin thadhal Àrd-Oifigear a' Chomuinn, Seumas Greumach, agus Ìar-cheann-suidhe a' Chomuinn, John Joe MacNèill, air an Eisteddfod sa Chuimrigh an-uiridh.
'S ann às a h-uile cà il a tha sin a thà inig na molaidhean seo.
Tha An Comunn fhèin ag rà dh gu bheil am modal a tha iad air cur air adhart stèidhichte air na thathas a' dèanamh aig an Eisteaddfod.
Tha structar na fèise sin a' cur cuideam mòr air "performance".
Chan eil ann an seo ach molaidhean aig an ìre-sa.
Tha An Comunn an-drà sta a' sireadh bheachdan orra agus ag iarraidh air còisirean beachdan a thilleadh air ais thuca ron 29mh den Mhà rt.
Tha coltas ann gu bheil cuid de chòisirean ann nach eil toilichte aig an ìre-sa.
Beachdaichidh bòrd-stiùiridh a' Chomuinn air na freagairtean a gheibh iad air ais agus an uairsin feumadh iadsan taghadh a dhèanamh eadar a bheil iad a' dol a chur an structar ùr - no rudeigin coltach ris - an sà s, a bheil an structar a' dol a dh'fhuireach mar a tha e an-drà sta gun atharrachadh sam bith, air a neo a bheil iad a' dol a dhèanamh tuilleadh rannsachaidh agus a' dol a chumail chùisean mar a tha iad an-drà sta a' chiad ghreis co-dhiù.
Ma thèid gabhail ri na molaidhean ùra dheadh na h-atharrachaidhean a chur an sàs aig Mod Loch Abar ann an 2025.