Rinn sinn 霉rachadh air ar poileasaidh mu phr矛obhaideachd is 诲脿迟补-产谤补产丑蝉补颈谤
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phr矛obhaideachd is 诲脿迟补-产谤补产丑蝉补颈谤 agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh d猫 tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan d脿ta agaibh.
Tiotal Bhreatainn an 200m breaststroke aig Kara Hanlon
Tha Tiotal Bhreatainn aig Kara Hanlon thar 200m breaststroke.
Chr矛ochnich i ann an 2:24.59, an 霉ine bu luaithe aig Kara riamh thar 200m, ach beagan taobh a-muigh an 2:23.04 a bha a dh矛th airson 脿ite aig Oilimpigs Pharis.
Bidh cothrom eile aig Kara air na farpaisean sin a ruighinn anns na r猫isean 100m Did貌mhnaich.
"Bha i fh猫in gu math toilichte, d矛reach rud beag t脿mailteach nach d' fhuair i an uair 脿s d猫idh dhi a dhol cho luath an-raoir," thuirt m脿thair Kara, Marilyn Hanlon, 's i a' bruidhinn air Aithris na Maidne Diardaoin.
"Ach feumaidh sinn a bhith toilichte gun d' fhuair i am bonn 貌ir.
"Bha i gu math misneachail a' dol dhan r猫is, agus bha i a' coimhead air adhart ris.
"Bha i rudeigin iomagaineach tha mi a' smaoineachadh an-raoir, ach cha do rinn sin c脿il anns an r猫is.
"Tha i a' coimhead air adhart ri L脿 na S脿baid agus ris a' 100m, 's tha mi an d貌chas gun d猫an i an uair an uair sin," thuirt i.
Tha Kara nas fhaisge air an uair air a bheil i ag amas ann an r猫is a' 100m, 's tha sin na adhbhar misneachd dhi.
"Tha i gu math faisg air sin," thuirt Marilyn.
"Ma th猫id a h-uile c脿il ceart, tha mi an d貌chas, tha i fh猫in fhathast misneachail mu dheidhinn sin 脿s d猫idh a bhith a' bruidhinn rithe an-raoir, tha i a' coimhead air adhart ri sin.
"Tha sinn an d貌chas gun d猫an i e," thuirt i.