Adams air ais aig County

Tiotal an deilbh, Derek Adams air a dh貌igh air ais mar mhanaidsear Ross County.

Tha Derek Adams air tilleadh gu Ross County mar mhanaidsear airson an treas turas.

Thuirt e gu robh e air a bhith a' coimhead air adhart ri tilleadh fad iomadach bliadhna.

Tha naoi bliadhna bho dh' fh脿g e a dhreuchd mar mhanaidsear na Staggies mu dheireadh.

Bha Adams air a bhith os cionn Morecambe ann an Sasainn bhon Ghearran 2022.

"Tha mi air a bhith seo d脿 thuras, tha mi tuigsinn a'chluba," thuirt Adams.

Tha e dol dhan dreuchd an 脿ite Malky MacAoidh a chaidh a chuir 脿s a dhreuchd an t-seachdain sa chaidh agus Ross County anns an d脿rna 脿ite bhon bhonn sa Phr矛omh L矛og.

Chan eil County air geama a bhuannachadh ann an ochd geamannan.

Thuirt an cathraiche Roy MacGriogair gu robh "fhios air a bhith aige fad grunn bhliadhnaichean gu robh Derek airson tilleadh".

"Bha 70 tagradh againn, ach bha ainm Derek Adams a' tilleadh uair is uair," thuirt e.

A' dearbhadh gu robh e air falbh bho chionn grunn uairean a th矛de, thuirt Morecambe gu robh Adams air "obair sgoinneil a dh猫anamh ann an suidheachadh d霉bhlannach" an d脿rna turas a bha e c貌mhla riutha.

Dh' fh脿g Adams Inbhir Pheofharain an toiseach anns an t-Samhain 2010 an d猫idh dha County a thoirt gu cuairt dheireannach Cupa na h-Alba air a' bhliadhna sin. Chaidh e gu Hibernian airson obrachadh c貌mhla ri Colin Calderwood.

Thill e gu County d矛reach seachd m矛osan 脿s d猫idh sin agus thug e suas chun a' Phr矛omh L矛og iad mus do dh' fhalbh e a-rithist ann an 2014.

Tha e air a bhith aig Plymouth Argyle, Morecambe agus Bradford City bhon uairsin agus thill e gu Morecambe airson an d脿rna turas aig toiseach 2022.

Cha do dh'innis Ross County d猫 cho fada 'sa tha c霉mhnant obrach Adams.

'S e amas a' chathraiche do Adams an sgioba a chumail sa Phr矛omh L矛og le 脿ite sam bith os cionn 脿ite play-off na "bhonas".