Main content

Cuiribh fios thugainn

A bheil bàrdachd san teaghlach mun Chiad Chogadh? Litrichean neo leabhar-là bho dhuine a bh’ ann? Sgeulachd san teaghlach bhon Chiad chogadh? Ma tha, bu chaomh leinn cluinntinn bhuaibh.

Thairis air an ath cheithir bliadhna bidh sinne aig ´óÏó´«Ã½ Radio nan Gaidheal a' comharrachadh ceud bliadhna bho thòisich a' Chiad Chogadh. 'S e tha nar rùn aig deireadh gnothaich, ach gum biodh barrachd tuigse againn air na thachair, gu bheil sinn a' cuimhneachadh agus ag innse na sgeulachdan nach deach innse fhathast.

Dealbh: HMS Timbertown aig Groningen, 1915. Le cead bho North Tolsta Historical Society.

Ma tha bàrdachd agaibh bhon àm, litrichean, leabhraichean-là, paipearan neo dìreach sgeulachd air iomall cuimhne, bu chaomh leinn cluinntinn bhuaibh. Cuideachd ma tha càil agaibh a tha ag innse an seòrsa saoghal a bh’ acasan a bh’ aig an taigh, bhiodh sin feumail. An-diugh chan eil againn ach iomraidhean a chuala sinn aig daoin’ eile ach tha iad sin unnta fhèin priseil dhan ath ghinealach.

Ma 's e agus gu bheil sibh airson fios a chuir thugain faodaidh sibh bruidhinn ri Annella Nicleòid air 01851 705000 neo le post-dealan a chuir gu Annella.Macleod@bbc.co.uk, air a neo gu Murchadh Macleòid air 0141 422 6238 air a neo post-dealan a chuir gu Murdo.Macleod@bbc.co.uk

Èist ri eisimpleirean