Main content

Seinneadair na Seachdain: Kathleen NicAonghais

Is mise Kathleen NicAonghais, agus ’s ann à Ille Mheadhanaich ann an Uibhist a Deas a tha mi.

Bha mi riamh measail air seinn. Anns a’ bhun-sgoil bhuannaich mi a' chiad duais aig Mòd an Iochdair nuair a bha mi seachd bliadhna dh’aois, le Sùilean Dubha, an t-òran beag. Ach bha mi uabhasach diùid agus ged a bhithinn tric a’ seinn anns a’ 'bhath', bha mi naoi bliadhna air fhichead mus do thòisich mi seinn gu proifeiseanta, ged a bha mi ag obair air prògraman telebhisein airson bliadhnaichean ron sin. Prògraman mar Machair agus Tacsi agus Ran Dan is Baile Mhuillinn ’s prògraman mar sin a bha a’ còrdadh rium, ach bha mi caran sean mus do thòisich mi.

Thug tòrr seinneadairean Gàidhlig buaidh orm aig an àm a bha sineach. À Uibhist, Màiri NicAonghais is Paul MacCallum; cuideachd à Barraigh, Cathy Ann Nic a’ Phì, Màiri is Chrissie Denny; à Bhatarsaigh, Nan NicFhionghuin; agus à Leòdhas Màiri Smith agus bha na seinneadairean tha sin, thug iad buaidh mhòr orm.

Tha a bhith a’ seinn na phàirt mhòr na mo bheatha: ’s e an obair a th’ agam. Agus cuideachd, a bhuaidh uaireannan a th’ aig na h-òrain orm ga mo thoirt air ais ann an tìm gu àite eile, mar gum biodh neo amannan eile, gu saoghal eile agus tha sin a’ còrdadh rium gu mòr. Agus cuideachd tro bhith seinn, tha e ga mo thoirt thall-thairis tric agus ag obair le daoine a tha cho laghach, ’s cho tàlantach, èibhinn agus spòrsail. Tha sin a’ còrdadh rium cuideachd.

Tha mi air dà chlàr a dhèanamh le Iain Dòmhnallach à Gleann Uige. Tha mi air a bhith seinn air, aig iomadach cuirm agus fèisean air feadh an t-saoghail. Uaireannan tha mi a’ teagasg cuideachd, òrain agus a’ seinn còmhla ri daoine tha ainmeil agus nach eil cho ainmeil: an dà chuid a’ còrdadh rium. Rinn mi òran neo dhà cuideachd airson a’ film Hollywood Robin Hood airson Ridley Scott, ’s chòrd sin rium agus tha mi fortanach a bhith a’ dèanamh an guth aig Mamaidh Muc ann am Peppa Pig.

Tha trì ghillean agam a bharrachd air a bhith a’ seinn agus bidh mi ag obair le mo ghuth air cartùns agus air prògraman rèidio cuideachd.

An-diugh tha mi dol a chlàradh òran airson gèam airson Xbox – Am Bàrd’s Tale, sin a’ chiad gèam le ceòl Gàidhlig.

Tha mi a' dol a thadhal òran m’ athair, Òran Dhòmhnaill Phàdraig o chionn ’s gur e an t-òran as fheàrr leam a chlàr mi riamh. Bhàsaich m’ athair nuair a bha mi ceithir bliadhna dh’aois agus rinn am bàrd baile Mìcheal Mac a’ Phearsain òran mu dheidhinn o chionn ’s nach robh e ach òg nuair a bhàsaich e agus mo mhàthair air fhàgail le sianair chloinne. ’S e òran sònraichte a th’ ann dhuinn agus tha mi cho taingeil gun do rinn e sin dhuinn.

’S bochd an naidheachd a fhuair sinn
’S a ghluais mi gu dàn
Dòmhnall Phàdruig mo thruaighe
Thugadh bhuainn e le bàs.
Cò aige bha dùil ris
’S tu cho sùnndach ’s cho slàn.
Cha robh sinn a’ smaointinn
Gum biodh do shaoghal cho geàrr.

Dh’fhàg thu bean agus pàistean
’S iad a’ rànaich ’s a’ caoidh
’S goirt a’ bhuill ann a fhuair iad
’S a ghuail ann an crìdh.
Cha tog fidheall no òran
Am bròn rinn an clì
’S ged a bhiodh iad measg òigridh
Bidh gach solas gan dìth.