09/11/2007
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 436
Duration: 05:21
Litir 436: Johann von Lamont
A bharrachd air a bhith na sh脿r-reuladair, bha Johann von Lamont, a rugadh ann an G脿idhealtachd Siorrachd Obar Dheathain, aithnichte mar e貌laiche air i霉il-tharraing agus dealan. Chruthaich e uidheamachd a ghabhadh cleachdadh airson neart na h-i霉il-tharraing air uachdar na talmhainn a thomhas. Rinn e fh猫in obair mh貌r ann a bhith a鈥 tomhas a leithid ann am Babh脿iria. 脌s d猫idh sin, fhuair e c霉mhnantan bho riaghaltasan grunn d霉thchannan E貌rpach eile airson an aon rud a dh猫anamh dhaibhsan.
Sgr矛obh e mu bhuaidh na gealaich air gluasad sn脿thad i霉il-tharraingeach, agus mhothaich e gun robh neart na h-i霉il-tharraing air uachdar na talmhainn a鈥 gluasad ann an cuairtean deicheadach. Bha sin gu math faisg air cuairt spotan na gr猫ine a chaidh a lorg le Heinrich Schwabe. Agus sgr矛obh von Lamont tr脿chdas air a鈥 cheangal eadar comharraidhean dealain na Talmhainn agus i霉il-tharraing na planaid. Bha e gu math ainmeil ann an saoghal saidheans 鈥 air feadh an t-saoghail.
Ann an ochd ceud deug, seachdad 鈥檚 a tr矛 (1873) chaidh Iarla Crawford, a bha na reuladair neo-dhreuchdail, gu ruige Munich airson bruidhinn ri von Lamont, agus comhairle fhaighinn bhuaithe mu uidheamachd. Th貌isich an t-Iarla an c貌mhradh ann an Gearmailtis agus chuir e iongnadh air nuair a fhreagair am fear eile ann am Beurla, le blas Albannach.
Fhuair von Lamont ballrachd anns a鈥 Chomann R矛oghail ann an Lunnainn 鈥 an t-urram a thomhais e fh猫in thar a h-uile fear eile. Airson c貌rr is leth-cheud bliadhna, bha e a鈥 fuireach leis fh猫in ann am baile beag Bogenhausen faisg air Munich. Chaochail e ann an sin ann an ochd ceud deug, seachdad 鈥檚 a naoi (1879). Bha airgead m貌r aige sa bhanca. Leis nach do ph貌s e, agus nach robh clann aige, thug e cha mh貌r an t-airgead air fad do dh鈥橭ilthigh Mhunich mar thaic-airgid do dh鈥檕ileanaich.
Nuair a nochd iomradh air beatha is b脿s von Lamont anns na p脿ipearan-naidheachd sa Ghearmailt, mhothaich Bana-phrionnsa na Gearmailt dhaibh. B鈥 ise nighean Banrigh Bhictoria. Sgr矛obh i gu a m脿thair, ag iarraidh oirre faighinn a-mach an robh c脿irdean aig von Lamont fhathast be貌 ann am Br脿igh Mh脿rr 鈥 oir tha Baile Mhoireil gu math faisg air.
Thachair e gun robh fear 脿 Br脿igh Mh脿rr ag obair don Bhanrigh ann am Windsor. Dh鈥檌arr Bhictoria air an fhear seo rannsachadh a dh猫anamh air a鈥 ch霉is nuair a rachadh iad a Bhaile Mhoireil. Rinn e sin agus fhuair e a-mach gun robh nighean agus grunn oghaichean aig leth-phiuthar von Lamont fhathast be貌. Tha feadhainn a bhuineas don teaghlach sin anns an sg矛re chun an latha seo fh猫in.
Chaidh von Lamont 鈥 a th貌isich a bheatha ann an Coire Mhuillidh faisg air Inbhir 脠idh mar Iain MacIlleDhuibh no John Lamont 鈥 a chomharrachadh ann an d霉thaich a bhreith le carragh-cuimhne. Ach bha sin fada 脿s d猫idh a bh脿is. Chaidh an carragh a chur suas ann an Inbhir 脠idh 鈥 d矛reach m矛le bhon 脿ite san do rugadh e 鈥 ann an naoi ceud deug, trithead 鈥檚 a ceithir (1934).
Ach chan e sin an t-aon 脿ite anns a bheil e air a chuimhneachadh. Tha toll air uachdar na gealaich air a bheil an t-ainm 鈥淟amont鈥. Tha sin air Muir a鈥 Chi霉ineis no Mare Tranquilitatis 鈥 faisg air far an t脿inig Apollo 11 gu t矛r air a鈥 ghealaich 鈥 a鈥 chiad turas riamh a chuir duine cas oirre.
Sin agaibh, ma-th脿, cunntas air beatha Johann von Lamont. Ma tha fiosrachadh s貌nraichte eile aig duine agaibh air a bheatha no air an fheadhainn leis an robh e, bhithinn uabhasach toilichte cluinntinn bhuaibh. Ach an-dr脿sta, mar sin leibh.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-ch脿nain na Litreach
Gn脿thas-cainnt na Litreach
Broadcasts
- Fri 9 Nov 2007 11:55大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Sat 10 Nov 2007 10:55大象传媒 Radio nan G脿idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.