27/11/2007
Cuairt Alasdair MhicIlleMhìcheil a thrus Carmina Gadelica. Le Dòmhnall U Stiùbhart. D W Stewart follows in the footsteps of Alexander Carmichael of Carmina Gadelica fame.
An t-seachdain seo tha Dòmhnall Uilleam Stiùbhart a' leantainn lorgan Alasdair MhicIlleMhìcheil dha na Hearadh agus a Leòdhas. Bha meas mòr aig Alasdair air Mà iri NicRath no Mà iri Banachag a bhuinneadh do Cheann
t-Sà ile ach a bha ag obair na searbhannta aig Taigh Mòr Chaolas Stiadair faisg air an t-Òib anns na Hearadh. Am measg na fhuair e bho Mhà iri Banachag tha Òran Sìth agus sgeulachd mun òran. Agus 's ann an Leòdhas a thadhail Alasdair air aon bhodach aig an robh, gun teagamh sam bith, mar a thuirt e fhèin "clear head and wonderful memories" - fear ris an cainte Aonghas Guine. Bha Aonghas a' fuireach ann an Dail fo Thuath ann a sgìre Nis agus chithear là rach an dachaigh aige ann an sin fhathast. Am measg an liuthad sgeulachd is eile a fhuair Alasdair bho Aonghas bha fiosrachadh air Teampall Mholuaidh ann an Eòrapaidh.
Last on
Clips
-
Caolas Siadair
Duration: 02:50
-
Sgeulachd Chaisteal Bheagraim
Duration: 04:26
-
Teampall Rònain
Duration: 02:06
Broadcast
- Tue 27 Nov 2007 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal