Alasdair MacIlleMhìcheil
Tha Alasdair MacIlleMhìcheil air fear de na daoine as ainmeile – agus as connspaidiche – a rugadh a-riamh air Gà idhealtachd na h-Alba, ged is dòcha nach eil an-diugh a’ mhòr-chuid de na Gà idheil fhèin ro eòlach air ainm.

Ma chuala sinn idir e, ’s ann mar fhear-deasachaidh nan sia leabhraichean mòra tomadach Carmina Gadelica, obair eireachdail a tha dìreach loma-là n de dh’ orthannan, ùrnaighean, òrain, laoidhean, creideasan, sgeulachdan, naidheachdan, gnà thasan-cainnt, agus deagh chrathadh de dh’ fhacail à raid nan lùib. Ann an Carmina Gadelica gheibh sinn nà dar de leabhraichean-iùil a dh’ innseas dhuinn tòrr mu chleachdaidhean, creideamh, cultar, agus dòigh-beatha nan coimhearsnachd Gà idhealach anns an dà rna leth den naoidheamh linn deug. Ach, air cho luachmhor ’s a tha am fiosrachadh a tha taisgte nam broinn, chan urrainn dhuinn a ghabhail daonnan mar smior na fìrinne.
Rugadh Alasdair ann an Eilean Lios Mòr ann an 1832. B’ ann mar ghà idsear a bha e a’ dèanamh a bhith-beò, ach ann an da-rìribh b’ e fear-cruinneachaidh beul-aithris a bh’ ann, fear den fheadhainn a bu dhìcheallaiche a bh’ ann ra linn. Choisrig e a bheatha dha bhith a’ trusadh dualchas nan Gà idheal, gu seachd à raid anns na h-Eileanan A-Muigh far an do shaothraich e fad faisg air fichead bliadhna. Duine treun cruadalach, an-còmhnaidh ann am fèileadh, bhiodh Alasdair a’ siubhal air feadh nan eilean, eadar Eilean Mhiùghlaigh agus Sgìre Nis, a’ tadhal air na seanchaidhean a b’ iomallaiche, a’ cur eòlas orra, a’ clà radh an cuid stòrais. Feumaidh gu robh an t-inneal-tarraing aige: mar a thuirt e fhèin, thug muinntir nan eilean seachad dha os n-ìosal rannan agus creideasan dìomhair nach leigeadh iad idir ri cà ch.
Fad a bheatha a-rèiste bhiodh Alasdair a’ cruinneachadh beul-aithris nan daoine. Ach bhiodh e cuideachd ga lìomhadh, ga chur, na shùilean fhèin, ann an riochd na bu choileanta, na bu tharraingiche dhan t-saoghal a-muigh. B’ e seo linn nuair a bha tà ir agus tarcais nimheil an aghaidh nan Gà idheal sgaoilte fad is farsaing air a’ Ghalldachd. Bha Alasdair a’ feuchainn ri còirichean nan daoine aige fhèin a sheasamh an aghaidh an nà imhdean, agus b’ e seo a thug air an stuth a chruinnich e mar gum biodh ath-ùrachadh agus a sgeadachadh airson a’ chlò. Dh’ èirich connspaid mhòr am measg nan sgoilearan Gà idhlig nuair a thòisichear a’ dèanamh coimeas eadar na rannan mar a chaidh an clò-bhualadh ann an Carmina Gadelica, agus mar a chaidh an sgrìobhadh sìos an-toiseach anns na leabhraichean-pòca aige. Tha barrachd tuigse againn an-diugh mu carson a chuir Alasdair tuilleadh loinn air an dualchas a chruinnich e, agus bidh sgoilearan a’ dol air ais dhan chruinneachadh mhòr de phà ipearan tùsail aige taisgte ann an Leabharlann Oilthigh Dhùn Èideann ach an lorg iad gu dè a chlà raich e an-toiseach, agus ciamar a rinn e atharrachadh orra airson Carmina Gadelica.
Bhà saich Alasdair aig an dachaigh aige ann an Dùn Èideann ann an 1912. Bha e air fàs gu math cliùiteach agus urramach am measg a cho-aoisean, an dà chuid mar fhear-cruinneachaidh agus gu dearbh mar Ghà idheal. Dh’ fhà g e againn dìleab air leth prìseil, mìltean de dhuilleagan a-mach air gach uile car agus feart ann am beatha agus gnè nan Gà idheal, toradh rèis a thug e seachad ann an seirbheis nan daoine aige fhèin.