04/01/2008
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 445
Duration: 05:29
Litir 445: An Linnet
Anns an Fhaoilleach ochd ceud deug, ceathrad 鈥檚 a tr矛 (1843), chaidh an soitheach an Linnet air na creagan faisg air Cadabol. Tha Cadabol l脿imh ri Baile a鈥 Chnuic ann am Machair Rois. Tha diofar aithrisean ann mu dheidhinn na thachair dhi ach tha na leanas faisg air an fh矛rinn, chanainn.
鈥橲 e b脿ta-se貌laidh a bh鈥 innte, le d脿 chrann. Bha leth-cheud 鈥檚 a tr矛 (53) troigh de dh鈥檉had innte agus cuideam de sheasgad (60) tonna. Bhiodh i a鈥 dol eadar ceann an ear-thuath Shasainn agus puirt an ear-thuath na G脿idhealtachd. Uaireannan bhiodh i a鈥 toirt gual air an t-slighe a-mach, agus a鈥 tilleadh a Shasainn le coirce no e貌rna.
Co-dhi霉, chaidh i air na creagan. Bha i an 矛re mhath air chall. Ach cha robh an t-slige briste. Cheannaich tri霉ir de mhuinntir an 脿ite an t-slige. B鈥 iad dithis iasgairean agus tuathanach. Bha iad a鈥 dol ga c脿radh. Anns a鈥 chiad dol a-mach, chuir iad romhpa, le taic bho fheadhainn eile sa choimhearsnachd, an soitheach a thoirt gu b脿gh Bhaile an Todhair.
Chuir iad an Linnet air bhog, le bhith a鈥 cleachdadh bharaillean falamh ceangailte rithe. Th貌isich iad air a tarraing a-null le eathraichean is ge貌laichean. Ach dh鈥檉h脿s am feasgar na bu mhiosa. Bha i gu math stoirmeil. Cha robh acair ceangailte ris an Linnet tuilleadh. Th貌isich i air falbh leis an t-sruth is leis a鈥 ghaoith. Leis nach robh acair aice tuilleadh, cha b鈥 urrainn do na daoine stad a chur oirre.
Bha e a鈥 f脿s dorch. Rinn feadhainn ann an ge貌la air a鈥 chladach ann an cabhaig airson acair fhaighinn. Ach cha robh iad luath gu le貌r. Dh鈥檉halbh an Linnet, le seachdnar air b貌rd, a-steach don dorchadas. Chan e mh脿in nach robh acair aca, ach cha robh sti霉ir air an t-soitheach nas motha.
鈥橲 ann beagan l脿ithean 脿s d猫idh sin a chaidh an long-bhriseadh a lorg. Tha aon aithris ann gun robh i bun-os-cionn air Tr脿igh Bh貌inndidh faisg air Banbh. Tha aithris eile ann gun deach aon chorp a lorg faisg air sin. Chaidh oidhirp a dh猫anamh, ceart gu le貌r, an soitheach a lorg fhad 鈥檚 a bha i fhathast aig muir, ach cha robh e soirbheachail. Chailleadh an seachdnar a bh鈥 air b貌rd 鈥 ceathrar 脿 Baile an Todhair agus tri霉ir 脿 Baile a鈥 Chnuic. Thug an call sin droch bhuaidh dha-r矛ribh air a鈥 choimhearsnachd.
Sgr矛obh fear Artar Ros marbhrann G脿idhlig anns an robh leth-cheud rann鈥檚 a sia 鈥 a chaidh fhoillseachadh ann an Inbhir Nis. Tha e ag innse gu soilleir na thachair, ach chan urrainn dhomh ach criomag dheth a thoirt dhuibh an-dr脿sta:
Tha 鈥檔 duine truagh gach uile l脿
a鈥 dol air thuras dh鈥檌onnsaigh bh脿is,
鈥檚 gun fhios an t-脿m an t猫id e 鈥檔 s脿s 鈥
tha uair a bh脿is am falach air
Sin an d脿rna rann. Seo a-nis an t-siathamh is an t-seachdamh rann:
Ach dhi霉lt i falbh dhaibh uair no dh脿
is iad ga feuchainn le luchd-ce脿ird;
ach nuair a th脿inig oidhche a鈥 bh脿is,
siud ghabh i an s脿l is dh鈥檌mich i
Is ged bha 脿ireamh mh貌r air b貌rd
ga tarraing suas gu Bail鈥 an Todhair,
dh鈥檉halbh i uath鈥 gun sti霉ir, gun se貌l,
is cha bu de貌in leath鈥 fuireach dhaibh
鈥橲 d貌cha gum feuch mi air cuspair nas aotruime anns an ath Litir! Ach f脿gaibh mi sibh an t-seachdain seo le aon rann chumhachdach eile bhon 鈥淟innet Mh貌r鈥:
Och, a Bh脿is, b鈥 an-iochdmhor cruaidh
thu ann an siud 鈥檓 measg thonnaibh 鈥檆huain
dar chuir thu ort do chlogaid chruaidh
is thilg gun truas do shaighead annt鈥.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-ch脿nain na Litreach
Gn脿thas-cainnt na Litreach
Broadcasts
- Fri 4 Jan 2008 11:55大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Sat 5 Jan 2008 10:55大象传媒 Radio nan G脿idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.