17/03/2008
Tha litir bheag na seachdain-sa aig Ruaraidh MacIllEathain.
Last on
Clip
-
An Litir Bheag 149
Duration: 03:41
An Litir Bheag 149
Bha Pòl às a’ Chuimrigh. Bha rìgh na dùthcha ag iarraidh air a bhith na easbaig. Ach bha Pòl ag iarraidh beatha shìmplidh. Bha e ag iarraidh fuireach ann am manachainn. Chaidh e gu manachainn anns a’ Bhreatainn Bhig.
Bha seachd cluig aig rìgh na Cuimrigh. Bha iad brèagha. Bha iad air an dèanamh de dh’airgead is copair. Nuair a bha Pòl a’ falbh, dh’iarr e air an rìgh fear de na cluig a thoirt dha. Ach dhiùlt an rìgh.
Rinn Pòl iomadh rud diadhaidh anns a’ Bhreatainn Bhig. Latha a bha seo bha e air eilean. Tha an t-eilean faisg air Roscoff, port mara ann an ceann a tuath na Breatainne Bige. ’S e an t-ainm air an eilean Batz no L’Isle de Batz ann am Fraingis.
Thà inig iasgair thuige. Bha bradan mòr aige. Am broinn a’ bhradain lorg an t-iasgair rudeigin annasach. Lorg e clag air a dhèanamh de dh’airgead is copair! Tha an clag fhathast anns a’ chathair-eaglais ann an Saint Pol-de-Leon faisg air Roscoff. Nuair a chunnaic e an clag, rinn Pòl gà ire. B’ e sin fear de na cluig a bha aig rìgh na Cuimrigh!
Nuair a bha e anns an eilean, chuala Pòl mu nathair mhòr. Bha an nathair cunnartach. Air aon latha, mharbh i dà dhamh agus dithis fhear. Bha na lanntan oirre uabhasach cruaidh. Cha robh comas aig claidheamh no sleagh a dhol tro na lanntan.
Chaidh Pòl a dh’ionnsaigh na nathrach. Chuir e an sgarfa aige timcheall amhaich na nathrach. Dh’fhàs an creutair solt. Thug Pòl an nathair gu costa an eilein. Dh’iarr e air an nathair leum don mhuir. Rinn i sin. Bha i air a bà thadh.
Tha daoine ag aithneachadh an à ite far an do thachair sin. Ann am Breatannais, ’s e Toul ar Zarpant a chanas iad ris. Tha sin a’ ciallachadh Toll na Nathrach.
Faclan is abairtean
Broadcast
- Mon 17 Mar 2008 19:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
All the letters
Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.
Podcast: An Litir Bheag
The Little Letter for Gaelic Learners
An Litir Bheag air LearnGaelic
An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)
Podcast
-
An Litir Bheag
Litirichean do luchd-ionnsachaidh ura. Letters in Gaelic for beginners.