31/03/2008
Tha litir bheag na seachdain-sa aig Ruaraidh MacIllEathain.
Last on
Clip
-
An Litir Bheag 151
Duration: 03:53
An Litir Bheag 151
Tha ainmean nam m矛osan ann an G脿idhlig gu math inntinneach. Ach, anns an naoidheamh linn deug, cha robh iad mar a tha iad an-diugh. An-diugh tha An Gearran air a st猫idheachadh mar a鈥 Gh脿idhlig air February. Ach chan eil A鈥 Chailleach againn mar ainm airson April.
Tha gearran a鈥 ciallachadh each a th鈥 air a spothadh. Tha e cuideachd a鈥 ciallachadh each beag 鈥 Highland pony. O shean, tha cuid ag r脿dh gum b鈥 e An Gearran na ceithir seachdainean an d猫idh a鈥 ch貌igeamh latha deug dhen Mh脿rt. Tha cuid eile ag r脿dh gur e m矛os February a bha ann. Tha feadhainn ag r脿dh nach robh ann ach an d脿rna leth de February. Agus tha cuid eile ag r脿dh gun robh e naoi latha a dh鈥檉haid, agus gun robh e a鈥 tighinn d矛reach 脿s d猫idh An Fhaoillich.
Seo na chanas Alasdair MacBheathain anns an fhaclair aige 鈥 An Etymological Dictionary of the Gaelic Language: 鈥淸An Gearran] forms a part of the animal nomenclature given to the several periods of Spring-time.鈥 An toiseach, Am Faoilleach 鈥 m矛os nam madaidhean-allaidh. An uair sin An Fheadag, the plover. Mhair sin d矛reach seachdain. Tha Dwelly ag r脿dh gur e An Fheadag an treas seachdain de February.
脌s d猫idh na Feadaig, th脿inig An Gearran. An uair sin th脿inig A鈥 Chailleach no Old Woman. Bha sin co-ionann ri tr脿th sa Ghiblean no April.
Carson nach do mhair An Fheadag no A鈥 Chailleach mar ainmean mh矛osan? Chan eil mi cinnteach. Ach chaidh Am Faoilleach a dh猫anamh co-ionann ri January is An Gearran co-ionann ri February. Carson a chaidh Am M脿rt a thaghadh airson March? Carson nach deach rudeigin G脿idhealach a thaghadh mar An Fheadag no eadhon A鈥 Chailleach? Ma tha beachd agaibh fh猫in, nach cuir sibh fios thugam?
Tha A鈥 Chailleach againn fhathast ann an seanfhacal: 鈥橲 iomadh fear a th猫id le eallaich ri seachdain chruaidh na Caillich. Many a man carries a load in the hard week of the Cailleach. 鈥橲 iomadh fear a th猫id le eallaich ri seachdain chruaidh na Caillich. Bha A鈥 Chailleach ann aig toiseach a鈥 Ghiblein. Cha robh am feur a鈥 f脿s. Bha daoine a鈥 gi霉lain eallaich de dh鈥檉heur air an druim aig an 脿m sin.
Tha earrann ainmhidheach eile ann as t-Earrach 鈥 Na h-Othaisgean. N矛 mi iomradh air sin an ath-sheachdain.
Faclan is abairtean
Broadcast
- Mon 31 Mar 2008 19:00大象传媒 Radio nan G脿idheal
All the letters
Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.
Podcast: An Litir Bheag
The Little Letter for Gaelic Learners
An Litir Bheag air LearnGaelic
An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)
Podcast
-
An Litir Bheag
Litirichean do luchd-ionnsachaidh ura. Letters in Gaelic for beginners.