04/03/2011
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 607
Duration: 05:00
Litir 607: Gailearaidh N脿iseanta na h-Alba
A bheil sibh e貌lach air Gailearaidh N脿iseanta na h-Alba ann an D霉n 脠ideann? 鈥橲 toigh leam an togalach, eadar am Meall no Mound agus Sr脿id a鈥 Phrionnsa. Agus tha cuid de na dealbhan na broinn air leth math. Ma th猫id sibh a-steach don t-se貌mar mh貌r, theirig dha do l脿imh dheis, agus ch矛 sibh fear de na dealbhan a b鈥 iongantaiche a rinneadh riamh air cuspair Albannach. Tha e a鈥 l矛onadh balla gu l猫ir. Tha e am measg nan dealbhan a bu mhotha a chunnaic mi riamh.
Anns an dealbh, tha R矛gh Albannach air tuiteam far each. Bha e fh猫in is feadhainn eile a鈥 sealg fhiadh air a鈥 Gh脿idhealtachd. Tha an R矛gh 鈥 Alasdair III 鈥 na laighe air an talamh ann an cunnart a bheatha. Tha damh feargach a鈥 bagairt air. Tha fear eile a鈥 dol a chur sleagh anns an damh airson a mharbhadh. Tha coin ann, sealgairean agus eich eile.
Tha an dealbh l脿n gluasaid agus d脿nadas agus, tha mi cinnteach, propaganda. 脌s leth c貌, ge-t脿? Uill, thig sin am b脿rr a dh鈥檃ithghearr. Tha Siorrachd Rois agus Eilean Le貌dhais am measg nan 脿iteachan le ceangal do na daoine a dh鈥檌arr an dealbh agus a ph脿igh airgead m貌r air a shon.
鈥橲 e an t-ainm a th鈥 air an dealbh Alexander III of Scotland Rescued from the Fury of a Stag by the Intrepidity of Colin Fitzgerald. Tha an tiotal car fada agus bidh daoine a鈥 gabhail The Death of the Stag air ann am Beurla. Bho seo a-mach, canaidh mi B脿s an Daimh ris.
Bha e air a dh猫anamh leis a鈥 pheantair Ameireaganach, Benjamin West. B鈥 e seo, fhad 鈥檚 as aithne dhomh, an aon dealbh a rinn West de chuspair Albannach. Chan eil fhios agam an robh e eadhon air a鈥 Gh脿idhealtachd riamh.
Rugadh West ann am Pennsylvania ann an seachd ceud deug, trithead 鈥檚 a h-ochd (1738). Bha athair na 貌stair. 鈥橲 e f猫in-ionnsachadh a rinn e, a r猫ir choltais, agus cha d鈥 fhuair e m貌ran foghlaim foirmeil. Bhiodh e ag r脿dh mu dheidhinn fh猫in gun do dh鈥檌onnsaich e mar a dh猫anadh e peant le cr猫adh agus geir bho th霉sanaich a bha a鈥 fuireach anns an sg矛re aige.
Fhuair fear Albannach a bha a鈥 fuireach ann am Philadelphia e貌las air West. B鈥 esan Uilleam Mac a鈥 Ghobhainn, a bhuineadh do dh鈥橭bar Dheathain. Bha Mac a鈥 Ghobhainn air p脿ipear fhoillseachadh ann an Alba le a bheachdan air foghlam. Fhuair Benjamin Franklin gr猫im air a鈥 ph脿ipear agus dh鈥檌arr e air Mac a鈥 Ghobhainn a dhol a Philadelphia airson teagasg anns an acadamaidh (nise Oilthigh Phennsylvania).
Nuair a bha Mac a鈥 Ghobhainn na Phr貌bhost anns an acadamaidh, chunnaic e fear de na dealbhan aig Benjamin West. Thug e taic do West. Chuir e am peantair ann an aithne nan daoine a bu bheartaiche ann am Pennsylvania. Fhuair West e貌las air Benjamin Franklin fh猫in.
Ann an seachd ceud deug is seasgad (1760), le taic airgid bho Mhac a鈥 Ghobhainn agus Uilleam Allen, am fear a bu bheartaiche ann am Philadelphia, chaidh West gu ruige An Eadailt airson na sgilean peantaidh aige a leasachadh. Tr矛 bliadhna 脿s d猫idh sin, ghluais e a Shasainn far an d鈥 fhuair e coimisean bhon R矛gh 鈥 De貌rsa III 鈥 airson dealbhan a pheantadh de bhuill an teaghlaich r矛oghail. Agus an ath-sheachdain innsidh mi dhuibh mar a pheant e B脿s an Daimh.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-ch脿nain na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach
ann an cunnart a bheatha: in mortal danger.
听
Tha 鈥淟itir do Luchd-ionnsachaidh鈥 air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 4 Mar 2011 11:55大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Sat 5 Mar 2011 10:55大象传媒 Radio nan G脿idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.