15/07/2011
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 626
Duration: 05:00
Litir 626: A鈥 Ruigsinn Taigh nam Bodach
Bha mi ag innse dhuibh mu Leum MhicGriogair ann an Gleann L矛omhann. Tha an t-ainm a鈥 dol air ais don t-siathamh linn deug nuair a bha ceann-cinnidh Griogaraich Ghleann Sreith a鈥 teicheadh bho bhuidheann de Chaimbeulaich. A r猫ir beul-aithris, tha d矛reach aon duine bhon uair sin air an aon rud fheuchainn. B鈥 esan teud-chleasaiche, no acrobat, a bha anns an sg矛re.
Bha am fear seo a鈥 creidsinn gum b鈥 urrainn dha leum mar a leum MacGriogair, ach cha robh gr脿isg de dhaoine is coin air a th貌ir. Gu m矛-fhortanach, dh鈥檉h脿ilnich air, agus chaill e a bheatha. Bha c脿rn air a thogail dha air an robh C脿rn an Duine Ghointe agus bha daoine a鈥 smaoineachadh gun robh e air a thiodhlacadh fodha. Dh鈥檉h脿s an c脿rn m貌r oir bhiodh muinntir an 脿ite a鈥 cur clach air gach turas a bha iad a鈥 dol seachad.
Chan eil an c脿rn ann an-diugh oir chaidh a sgrios nuair a bhathar a鈥 leasachadh an rathaid airson charbadan. Cha do lorgadh cn脿mhan sam bith fodha agus, mar sin, tha daoine a-nise a鈥 smaoineachadh gun deach an teud-chleasaiche a thiodhlacadh anns a鈥 chladh ann am Fairtirchill.
听听听听听听听听听听听 脌s d猫idh dhomh a bhith aig Leum MhicGriogair, lean mi an rathad fada, br猫agha suas Gleann L矛omhann. Aig a鈥 cheann shuas, tha na beanntan a鈥 f脿s nas 脿irde is nas maoile. Tha na craobhan a鈥 falbh. Chan e b脿rr a th鈥 aig na tuathanaich, ach caoraich. R脿inig mi ceann rathad nan carbadan aig geata ri taobh Loch L矛omhann, agus choisich mi air rathad a tha a鈥 dol ri taobh an locha. Bha mi airson a dhol ann airson 脿ite s貌nraichte fhaicinn 鈥 Taigh nam Bodach.
听听听听听听听听听听听 鈥橲 e sin an t-ainm a th鈥 air an 脿ite air a鈥 mhapa, ach bidh cuid ga ainmeachadh mar Taigh na Cailliche agus, ceart gu le貌r, tha e suidhichte ri taobh Allt Cailliche ann an Gleann Cailliche. Agus tha 鈥渂odach鈥 is 鈥渃ailleach鈥 a鈥 fuireach ann!
听听听听听听听听听听听 鈥橲 e a th鈥 ann n脿dar de thogalach beag 矛osal air a dh猫anamh de chlach, fiodh agus sgrathan. Tha e mu dh脿 mheatair a dh鈥檉haid, meatair gu leth ann an leud agus timcheall air leth-mheatair ann an 脿irde. Na bhroinn tha clachan iongantach 鈥 ochd dhiubh. Tha tr矛 dhiubh ainmichte mar Am Bodach, A鈥 Chailleach is An Nighean; chan eil fhios agam a bheil ainmean cl脿raichte airson a鈥 ch貌rr.
Thuirt mi gu bheil na clachan am broinn an taighe, ach chan eil sin f矛or fad na bliadhna. Tha iad na bhroinn anns a鈥 gheamhradh. Ach tha iad air an toirt a-mach aig 脿m na Bealltainn gach bliadhna is air an cur ann an cearcall air beulaibh an taighe. Tha an taigh fosgailte don 脿ird an ear. Aig 脿m na Samhna tha iad air an cur a-steach a-rithist airson a鈥 gheamhraidh. Bha na seann daoine a鈥 creidsinn gun cumadh am Bodach 鈥檚 a鈥 Chailleach d矛on air an spr猫idh a bha be貌 anns a鈥 ghleann, a tha gu sear air Taigh nam Bodach. Nam biodh an spr猫idh s脿bhailte, bhiodh na daoine s脿bhailte.
听听听听听听听听听听听 Bidh sibh a鈥 smaoineachadh 鈥 feumaidh gu bheil p脿ganachd fhathast be貌 ann an Gleann L矛omhann. Chan eil fhios a鈥檓 mu dheidhinn sin, ach tha e a鈥 coimhead coltach gu bheil an cleachdadh a鈥 dol air ais gu linn na p脿ganachd ann an Alba. Ma tha sin f矛or, dh鈥檉haodadh Taigh nam Bodach a bhith am measg nan l脿raichean p脿ganach as sine anns an Roinn E貌rpa.
Faclan na Litreach
Leum MhicGriogair: MacGregor鈥檚 Leap; Gleann L矛omhann: Glenlyon; Griogaraich Ghleann Sreith: The MacGregors of Glenstrae; teud-chleasaiche: acrobat; Fairtirchill: Fortingall; 辫脿驳补苍补肠丑诲: paganism.
Abairtean na Litreach
Puing-ch脿nain na Litreach
Gn脿thas-cainnt na Litreach
n脿dar de thogalach beag 矛osal: a type of small, low house.
听
Tha 鈥淟itir do Luchd-ionnsachaidh鈥 air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 15 Jul 2011 11:55大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Sat 16 Jul 2011 10:55大象传媒 Radio nan G脿idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.