Main content

An t-Urr D貌mhnall MacRath

Seirbheis 脿 tasglann a' BhBC bho 1990 c貌mhla ris an Urr D貌mhnall MacRath, Eaglais na h-Alba. Gaelic religious archive service from 1990 conducted by the late Rev Donald MacRae.

Ann an D猫anamaid Adhradh 脿 tasglann a' BhBC air an t-seachdain seo cluinnidh sinn na sailm agus an leughadh a leanas:

Salm 111: 3-4 air fonn St David agus 鈥榮 e D貌mhnall Iain Moireasdan a tha os cionn na seinn.

Salm 107: 19-21 air fonn Bangor agus 鈥榮 e D貌mhnall Ailean MacIllEathain a tha os cionn na seinn.

Chaidh an t-seinn a chl脿radh ann an Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.

Leughadh : L霉c 8: 41-56

Ceann-teagaisg: L霉c 8: 50

Rugadh Mgr MacRath ann am Miabhaig ann an Le貌dhas air an 2na l脿 den Ghiblean 1918, an d脿rna mac aig Uilleam MacRath agus M脿iri NicAoidh. Cheumnaich e 脿 Oilthigh Ghlaschu le MA ann an 1939. Chaidh e an uair sin gu Colaiste na Trianaid ann an Glaschu airson tr猫anadh airson obair na ministrealachd. Fhuair e cead-searmonachaidh ann an 1942 agus anns an D脿mhair sa bhliadhna sin, ghabh e thairis a' chiad choitheanal aige ann an Sl猫ibhte san Eilean Sgiathanach. Chuir e seachad 霉ine cuideachd na mhinistear ann am Beinn na Fadhla agus chaidh a ph貌sadh ris a' choitheanal mu dheireadh aige air an Tairbeart ann an 1956. Bha Mgr MacRath ann an coitheanal an Tairbeart gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1988.

Bha e p貌sta aig Ann agus bha d脿 bhalach agus d脿 nighean aca.

Chaochail Mgr MacRath anns an Iuchar 2005.

14 days left to listen

30 minutes

Last on

Sun 26 Jan 2025 21:00

Broadcasts

  • Sun 11 Mar 2012 21:00
  • Sun 11 Apr 2021 21:00
  • Sun 26 Jan 2025 21:00