Mgr Cailean MacAonghais le seirbheis L脿 nam M脿thraichean
Seirbheis bho 2012 a' comharrachadh L脿 nam M脿thraichean c貌mhla ri Mgr Cailean MacAonghais. A special Mother's Day service from 2012 with Father Colin MacInnes from Ecuador.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na leughaidhean is na laoidhean a leanas:
C貌isir Gh脿idhlig Bhaile Ghobhainn - Laoidh Chaluim Chille.
Gillebr矛de MacIlleMhaoil - Tha Moire fo Bhr貌n.
P貌l MacCaluim - A Mh脿thair Mhic D猫.
M脿iri NicIlleMhaoil - A Mhoire Mh矛n-gheal.
Kathleen NicAonghais - Reul 脌lainn a' Chuain.
Leughaidhean air an leughadh le S矛ne NicAonghais:
Genesis 19: 5-8
L霉cas 1: 26-38
E貌in 8: 1-13
Rugadh Maighstir Cailean MacAonghais ann an sg矛re Bh貌rnais an Uibhist a Deas ann an 1945. Fhuair e tr猫anadh airson na sagartachd ann an Obar Dheathain agus mu dheireadh anns an Sp脿inn. Th脿inig e a-mach na shagart ann an 1970 a' cur seachad nan ciad bhliadhnaichean c貌mhla ri sagart Bh脿gh a' Chaisteil agus an uairsin 霉ine san 脪ban mus do ghabh e thairis uallach paraiste. Bha Mgr Cailean na shagart san Iochdar airson sia bliadhna agus 脿s an sin ghluais e gu paraiste Eaglais Naomh B脿rr sa Bh脿gh a Tuath ann am Barraigh. Cho fad 's a bha e na shagart anns na h-eileanan rinn e an t-uabhas de dh'obair am measg na coimhearsnachd, a' cuideachadh nan daoine ann a bhith a' cur air chois Co-Chomainn, tallaichean coimhearsnachd, agus an l霉ib sin a bhith am measg an fheadhainn a chuir air chois F猫is Bharraigh. Cha robh an seo ach toiseach t貌iseachaidh air obair nam F猫isean a tha air a bhith a' dol bho neart gu neart bhon a chaidh a' chiad t猫 a st猫idheachadh anns na h-ochdadan.
Chuir Maighstir Cailean c霉l ris na h-eileanan (ged a bha e fhathast na shagart airson na sg矛r-easbaig) ann an 1985 agus ghabh e 脿ite air Comann Miseanaraidhean an Naoimh Seumas agus 's ann tron chomainn seo a chaidh a chur gu sg矛r-easbaig ann an Ceann a Deas Ameireagaidh - gu Quito ann an Ecuador.
'S e beatha gu math eadar dhealaichte a bha air thoiseach air Mgr Cailean nuair a chaidh e a-null an sin - sg矛re l脿n bochdainn agus ana-ceartas le foill is eucoir na l霉ib cuideachd. Bha sluagh m貌r de Chaitligich anns an 脿ite - bho pharaiste anns an robh nas lugha na ceithir cheud, ghluais e gu paraiste anns an robh na m矛ltean agus gl猫 bheag de shagartan airson an creideamh a' bhrosnachadh am measg an t-sluaigh. Nuair a chaidh e a-null, bha sagart eile an d霉il a dhol a-null c貌mhla ris ach gu m矛-fhortanach dh'fh脿s an sagart eile bochd agus bha aig Mgr Cailean ri dhol ann na aonar.
A bharrachd air obair na sagartachd agus beatha spioradail nan daoine a bhrosnachadh, ghabh Mgr Cailean uallach cuideachd airson beatha sh貌isealta agus poilitigeach nan daoine, le bhith a' sabaid airson an c貌irichean. Bhiodh e a' gabhail p脿irt ann an iomadach pr貌gram air reidio is telebhisean, a' bruidhinn anns a' Ph脿rlamaid, a' gabhail p脿irt ann an caismeachdan agus eile, agus fad na h-霉ine a' str矛 agus ag obair airson muinntir na paraiste. Aig an aon 脿m chuir e a bheatha fh猫in ann am f矛or chunnart.
Thairis nam bliadhnaichean a chuir Mgr Cailean seachad ann an Comite del Pueblo chaidh siostam uisge a st猫idheachadh sa choimhearsnachd, fhuair e taic airgid air leth bho pharaistean na sg矛r-easbaig aige fh猫in agus chaidh eaglaisean is sgoiltean a thogail agus rathaidean a st猫idheachadh - thug e misneachd dha na daoine a bhith ag obair c貌mhla ann a bhith a' leudachadh agus a' leasachadh phr貌iseactan agus a' d猫anamh beatha nas fhe脿rr dhaibh p猫in agus an cuid chloinne.
Ann an 2005 ghluais Mgr Cailean gu sg矛re eile ann an Ecuador, sg矛re a bha a' fulang barrachd bochdainn. An turas seo bha e st猫idhichte nas fhaisg air a' mhuir, faisg air Guayaquil. Ghluais Mgr Cailean air ais a dh'Uibhist agus chaidh a chur os cionn paraiste Naomh Moire ann am Beinn na Fadhla. Chomharraich e leth-cheud bliadhna na shagart ann an 2020 agus leig e dheth a dhreuchd mar shagart-paraiste ann an 2021. Thill Mgr Cailean air ais a-null a dh'Ecuador aig deireadh na bliadhna an-uiridh, thathar an d霉il gun till e air ais a dh'Alba ann an 霉ine gun a bhith fada..
Last on
More episodes
Mgr Cailean MacAonghais
Broadcasts
- Sun 18 Mar 2012 09:00大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Sun 18 Mar 2012 14:00大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Sun 6 Mar 2016 21:00大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Sun 31 Mar 2019 21:00大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Sun 14 Mar 2021 21:00大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Sun 19 Mar 2023 21:00大象传媒 Radio nan G脿idheal