Main content
This programme is not currently available

Iubailidh Daoimein na Banrigh

Cuimhneachain bho dhaoine a th'air coinneachadh ris a' Bhanrigh neo air a bhith na làthair thairis air 60 bliadhna. Memories of meeting the Queen throughout her sixty year reign.

Thairis air na 60 bliadhna a tha i air a bhith air a' chathair tha a' Bhanrigh air coinneachadh ri mìltean de dhaoine am Breatainn agus thall thairis. Sa phrògram bidh Iar Morair na Banrigh agus Neach-Clèireachd na Banrigh sna h-Eileanan an Iar, Dòmhnall Màrtainn, a' mìneachadh mar a bu chòir fàilte a chur air a' Bhanrigh.

Cluinnidh sinn cuimhneachain bho Etta Ghreumach is Màiri Nicleòid a choinnich rithe air a cuairtean dhan na h-Eileanan an Iar ann an 1956 agus 2002. Gheibh sinn dealbh den Bhanrigh air bòrd a' gheat rìoghail Britannia bho Dhòmhnall Mac a' Ghobhainn a thug còig bliadhna ag obair oirre agus bidh am Brigadier Iain MacPhàrlain a' coimhead air ais air àmannan nuair a bha e fhèin na làthair fhads a bha e san arm.

The Queen has met thousands of people each year throughout her 60-year reign. Etta Graham and Mary Macleod recall meeting her on her tours of the Western Isles in 1956 and 2002 and Donald Smith, formerly of the Royal Yacht Britannia, remembers his encounters with the Queen on board the Royal Yacht.

30 minutes

Last on

Boxing Day 2012 11:30

Clip

Còisir Òg Lacasdail ann an 1948

Còisir Òg Lacasdail ann an 1948

Còisir Òg Lacasdail 1948 - ’s i Màiri NicLeòid an treas nighean bhon làimh dheis. 

±Ê°ùò²µ°ù²¹³¾

±Ê°ùò²µ°ù²¹³¾
±Ê°ùò²µ°ù²¹³¾ de na daoine a ghabh pàirt ann an consairt airson na Banrigh ann an Talla Usher an Dun Eideann 1949.

Aonghas Macleòid MBE agus an teaghlach

Aonghas Macleòid MBE agus an teaghlach
Aonghas Macleòid MBE, a bhean Màiri is an còignear nighean aig Lùchairt Bhuckingham an latha a chaidh an t-urram a bhuileachadh air ann an 2006.

Aonghas MacLeòid còmhla ri Sebastian Coe

Aonghas MacLeòid còmhla ri Sebastian Coe
Aonghas MacLeòid còmhla ri Sebastian Coe, a chaidh a dhèanamh na mhorair air an aon latha ’s a fhuair Aonghas an MBE ann an 2006.

Aonghas MacLeòid MBE agus an teaghlach

Aonghas MacLeòid MBE agus an teaghlach
Aonghas MacLeòid MBE, a bhean Màiri is an còignear nighean, air taobh a-muigh Lùchairt Bhuckingham còmhla ri dithis luchd-turuis à Iapan.

A' coinneachadh ris a' Bhanrigh ann an Garrabost

A' coinneachadh ris a' Bhanrigh ann an Garrabost

Etta Ghreum agus a màthair-chèile Iseabail Ghreum a’ coinneachadh ris a’Bhanrigh nan dachaigh an Garrabost ann an 1956.

An sluagh ann an Garrabost nuair a thadhail a' Bhanrigh

An sluagh ann an Garrabost nuair a thadhail a' Bhanrigh

Buidheann Luaidh

Buidheann Luaidh

A’ bhuidheann luaidh ann an Talla Bhaile Steòrnabhaigh, 2002.

Broadcasts

  • Tue 5 Jun 2012 13:30
  • Tue 5 Jun 2012 22:00
  • Sun 10 Jun 2012 10:30
  • Boxing Day 2012 11:30