Main content
This programme is not currently available

Ceòl air am Bilean

Sùil air pròiseact eadar-nàiseanta airson seinn bho bheul-aithris a bhrosnachadh. Gillebrìde MacMillan investigates a unique international project focusing on traditional singing.

'S e pròiseact eadar-nàiseanta a th' ann an EOST, air neo European Oral Singing Tradition, a chaidh a chur air chois na bu tràithe am bliadhna.

Tha luchd-rannsachaidh air fhastadh ann an Uibhist, agus coimhearsnachdan iomallach eile ann an Estonia, san Fhionnlainn, sa Bhreatainn Bhig, aig a bheil dualchas seinn làidir gus sgrudadh a dhèanamh air òrain ionadail agus seinn bheul-aithriseach sna sgìrean.

Thathas an dùil ceanglaichean a thogail eatarra; tha buidheann à Alba air tadhal air an Fhionnlainn agus air Estonia roimhe agus, san Iuchar, ghabh sgoilearan agus luchd-ciùil às an Fhionnlainn agus a' Bhreatainn Bhig pàirt ann an co-labhairt an Uibhist.

'S e fear de phrìomh amasan a' phròiseict gun ionnsaich na diofar choimhearsnachdan a tha an sàs anns a' phròiseict bho chàch a chèile, agus ann an Uibhist tha luchd-stiùiridh Ceòlas, a tha a' toirt taic dhan phròiseact, an dòchas gun cuidich e gus ath-nuadhachadh a thoirt air seinn dhùthchasach san sgìre.

Anns a' phrògram seo, bidh Gillebrìde MacIllemhaoil, a tha na neach-rannsachaidh air a' phròiseact a' toirt sùil nas mionaidiche air an iomairt. Cluinnear bho chuid de mhuinntir na Roinn Eòrpa agus Alba a bha an lathair aig co-labhairt EOST ann an Uibhist 's iad a' meòrachadh air na tha fainear dhaibh a thaobh a' phròiseict agus na tha iad air ionnsachadh gu ruige seo.

30 minutes

Last on

Thu 2 Jan 2014 11:30

Broadcasts

  • Thu 29 Aug 2013 13:30
  • Thu 29 Aug 2013 22:00
  • Sun 1 Sep 2013 09:30
  • Thu 2 Jan 2014 11:30