Main content
This programme is not currently available

Dà Phunnd, Dà Unns'

Pòl MacCaluim ag innse dè bhios a' dol dhan stir-fry aige. Le Angela NicFhionghuin. Paul MacCallum makes his own stir-fry for Angela MacKinnon.

30 minutes

Last on

Sun 27 Oct 2013 14:30

An Stir-fry aig Pòl

Na dh'fheumas sibh:

  • Pacaid de bhroilleach circe
  • Pacaid de bhalgan-buachair
  • 2 uinnean (mhòr)
  • Cularan
  • Sabhs no sùgh soya
  • ola chroinn-ola
  • Peppers - uaine, dearg is buidhe
  • Creamh
  • Luibhean measgaichte
  • Bàrr no uachdar

Dòigh Deasachaidh:

Cuir an ola dhan phana (wok - asÌý fheàrr) agus cuir ann sùgh soya, deagh steall dheth

Ìý

Geàrr na pìosan circe. Teasaich an ola 's an sùgh agus cuir ann a' chearc agus glas a-staigh am blas - cuir sìos an teas agus fàg e a' còcaireachd

Ìý

Geàrr na peppers, cleachd air fad iad

Ìý

Geàrr na h-uinneanean agus na balgan-buachair - cuir air fad dhan phana a h-uile sìon sin…….

Ìý

Cuir tuilleadh sùgh soya ann - na cuir salainn ann idir

Ìý

Geàrr an cularan ann am pìosan beaga

Ìý

Faigh creamh cuideachd agus cuir ann deagh phìos dheth

Ìý

An uairsin cuir ann luibhean measgaichte

Ìý

Agus mu dheireadh bàrr no uachdar - fear dùbailte le nas lugha de gheir ann

Ìý

Còcairich seo air fad gus am fàs an sùgh tiugh agus sin e deiseil

Ìý

Faodaidh tu ithe còmhla ri rus, buntàta no fiù aran.

Credits

Role Contributor
Producer Angela MacKinnon
Producer Norman MacDonald

Broadcasts

  • Fri 25 Oct 2013 11:30
  • Sat 26 Oct 2013 10:30
  • Sun 27 Oct 2013 14:30