Kilimanjaro
An dùbhlan a chur Cailean Seòras Moireasdan agus Aonghas Coinneach MacLeòid romhpa fhèin ann an 2012. Colin G Morrison and A K MacLeod reflect on their climbing challenge in 2012.
Còrr air deich bliadhna air ais cha robh Cailean Seòras Moireasdan air sreap beinn dad na b' à irde na Muirneag neo beanntan Bharbhais ach abair gun do chur e dùbhlan roimhe fhein ann an 2012. Às dèidh post-dealan a thighinn thuige bhon charthannas Blythswood ag innse gun robh iad a' cur sgioba còmhla a ghabhadh pà irt ann an dùbhlan Beinn Kilimanjaro a shreap, cho-dhuin e gun robh e fhèin airson a dhol air an turas.
Às dèidh cuir roimhe gu robh e a' dol a dh’fheuchainn air Kilimanjaro a shreap, fhuair e mach gun robh aon duine eile air an eilean a bha an dùil an dùbhlan seo a ghabhail os là imh, balach às a bhaile aige fhèin, Aonghas Coinneach MacLeòid neo AK.
Bha ullachadh aca ri dhèanamh eadar trèanadh, a’ coiseachd bheanntan eile, a’ cruinneachadh airgid airson an turas le bhith a' nighe chà raichean – bha a 'shammy' a’ dol math! - agus cuideachd trang sa chidsin ag ullachadh brot is mìlsean a rèiceadh iad sa thalla. Mus do dh’fhalbh iad cha robh ach air an Cliseam a shreap, beinn anns a bheil còrr air seachd ceud gu leth meatair agus Kilimanjaro ochd tursan nas à irde na sin!
Seo mar a chaidh dhaibh air an turas ann an 2012.
Last on
Broadcasts
- Wed 6 Nov 2013 13:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 6 Nov 2013 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 10 Nov 2013 10:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 10 Oct 2022 15:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 12 Oct 2022 20:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 16 Oct 2022 10:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal