An t-Urr Alasdair MacAmhlaigh, Eaglais Shaor Bhaile Dhubhthaich 's Manachainn Rois
C貌mhla ris an Urr Alasdair MacAmhlaigh, Eaglais Shaor Bhaile Dhubhthaich agus Manachainn Rois. Gaelic service conducted by Rev Alasdair MacAulay, Tain and Fearn Free Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 145:10-11 air fonn Torwood agus 's e Alasdair MacLe貌id a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Phort Righ .
Salm 25: 4-5 air fonn Evan agus 's e Iain Eachann MacLe貌id a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.
Salm 16: 10-11 air fonn Kilmarnock agus 's e an t-Urr Seumas D貌mhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garabost.
Leughadh: E貌in 14: 1-21
Ceann-teagaisg: E貌in 14: 6
Rugadh 's thogadh Alasdair MacAmhlaigh ann am Breascleit air taobh siar Eilean Le貌dhais. Buinidh athair sa mh脿thair dhan bhaile 's tha iad fhathast a' fuireach an sin.
Chaidh e dhan sgoil ann am Breascleit agus a-rithist gu 脌rd-sgoil MhicNeacail ann a Ste貌rnabhagh, mus do rinn e c霉rsa einnseanaireachd ann an Colaiste Caisteal Le貌dhais.
Th脿inig atharrachadh spioradail na bheatha nuair a bha e d脿 bhliadhna thar fhichead. Mus deach e a-steach airson na ministrealachd chuir e d脿 bhliadhna seachad ann an gn矛omhachas na h-ola agus sia bliadhna deug na fhear-naidheachd aig a' BhBC ag obair ann an Inbhir Nis agus mu dheireadh ann an Ste貌rnabhagh
Tha e p貌sta aig M脿iri, a bhuineas do sg矛re Nis, agus tha tri霉ir chloinne aca, Luc, Emma agus Kate. Bha Alasdair agus M脿iri le ch猫ile an s脿s ann an obair am measg 貌igridh Nis airson grunn bhliadhnachan mus do ghluais an teaghlach a Dh霉n 脠ideann airson tr矛 bliadhna nuair a bha Alasdair a' frithealadh Colaiste na h-Eaglaise Saoire. Anns an 脪gmh矛os 2012 fhuair e cead-searmonachaidh agus chaidh a ph貌sadh ri coitheanal Eaglais Shaor Bhaile Dhubhthaich agus Manachainn Rois san L霉nastal a bhliadhna sin.
A bharrachd air uallaichean a' choitheanail, bidh Alasdair a' d猫anamh obair ann an grunn sgoiltean sa sg矛re agus tha M脿iri, a bhean, ag obair le clann fo aois-sgoil sa bhaile. Tha an tri霉ir chloinne aca anns an ionad Gh脿idhlig ann am Bun Sgoil Chnoc na Creige.
Last on
An t-Urr Alasdair MacAmhlaigh
An t-Urr Alasdair MacAmhlaigh agus a' bhean M脿iri
An teaghlach MhicAmhlaigh
Broadcasts
- Sun 25 May 2014 09:00大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Sun 25 May 2014 15:00大象传媒 Radio nan G脿idheal