Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Oll. Urr I A MacLeòid bho 1993 - Eaglais Shaor Inbhir Pheofharain

Seirbheis bho 1993 leis an Oll. Urr I A MacLeòid, a bha na mhinistear ann an Inbhir Pheofharain aig an àm. Archive service conducted by Prof JA MacLeod, Dingwall Free Church 1993.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:

Salm 43: 3-4 air fonn Martyrdom agus Salm 139: 1-3 air fonn Bangor agus 's e Seonaidh MacSuain agus Aonghas MacIllInnein a bha os cionn na seinn a chaidh a chlàradh ann an Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.

Leughadh: Ecsodus 20: 1-20

Ceann-teagaisg: Ecsodus 20:7.

30 minutes

An t-Oll. Urr I A MacLeòid

An t-Oll. Urr I A MacLeòid

Rugadh an t-Oll Urr Iain Aonghas MacLeòid anns na Còig Peighinnean ann an Nis an Eilean Leòdhais ann an 1956. Mas deach Mgr MacLeòid a-staigh airson na Ministrealachd bha e ag obair roimhe sin na einnseanair aig BT airson grùnn bhliadhnaichean. Air an t-slighe chun na Ministrealachd thìll e air ais gu foghlam aig àrd ìre agus cheumnaich e à Oilthigh Obar Dheathain le ceum ann an Diadhachd agus Cànain a’ Bhìobaill. Chaidh e an uairsin gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann. Nuair a bha e deiseil anns a' Cholaiste chaidh a phòsadh ris a' chiad cho-thional aige aig Eaglais Shaor Inbhir Pheofharain. Tha Mgr MacLeòid an-diugh na Iar Cheannard air Colaiste na h-Eaglaise Saoire no mar a tha an togalach air ainmeachadh as ùr air an t-seachdain seo fhèin “Seminaraidh Dhiadhaireachd Dhùn Èideann, far a bheil e a’ teagasg Greugais agus an Tiomnadh Nuadh dhan na h-oileanaich. Tha Mgr Macleòid pòsta aig Ealasaid agus tha sianar a theaghlach aca. Is caomh leis a bhith a' cuir seachad ùine còmhla ri a theaghlach, ach a thuilleadh air an sin, an lùib na cur-seachdan aige tha coiseachd, ag obair anns a’ ghàrradh agus a rannsachadh teicneolais ùr.

Broadcast

  • Sun 25 May 2014 21:00