Main content
Sorry, this episode is not currently available

C貌mhla ri Iain Moireasdan

Sp貌rs ionadail, n脿iseanta agus bho air feadh an t-saoghail c貌mhla ri Iain Moireasdan. Local, national and international sport.

Iain Moireasdan sa chathair leis a' phrosbaig air ball-coise; bho Chupa na Cruinne gu cairteal cuairtean deireannach Cuach a' Cho-op! Ann an iomain tha Cuairt Dheireannach Cupa MhicTh脿imhaish dha chluich aig P脿irce Bhught ann an Inbhir Nis eadar Gleann Urchadan agus L貌bhat. Tha F猫is Sp貌rs Ghlaschu a' tachairt aig P脿irce Lochinch, faisg air P脿irce Dh霉thchail Phollok, agus farpais l霉th-chleasan Sgoiltean na h-Alba aig Hampden. Sin uile am measg gu le貌r sp貌rs eile a bhios sa phr貌gram.

57 minutes

Last on

Sat 21 Jun 2014 09:03

S霉il air Sp貌rs le Ailig O'Henley

S霉il air Sp貌rs le Ailig O'Henley

Bho th貌isich mi air a鈥 cholbh seo a鈥 sgr矛obhadh tha na faclan 鈥榤iann鈥 agus 鈥榗omas鈥 air nochdadh tric is minig. Sa chiad cholbh dh鈥檉haighnich mi an robh am miann aig an Sp脿inn Cuach na Cruinne a ghl猫idheadh a-rithist agus fhuair sinn am freagairt thairis air a鈥 chola-deug mu dheireadh, d矛reach mar a chunna sinn nach robh an comas aig Sasainn faighinn a-mach 脿s a鈥 bhuidheann acasan nas motha. Air an l脿imh eile ge-t脿 bha an d脿 chuid am miann agus an comas aig Kerry Nic a Ph矛 gus 脿ite a chosnadh ann an sgioba na h-Alba airson Geamachan a鈥 Cho-fhlaitheis.

Tha mi an amharas gum bi sinn a鈥 tilleadh chun na faclan sin a-rithist sa chola-deug a tha romhainn co-cheangailte ri Wimbledon agus co-dhi霉 a th猫id aig Andy Moireach air an fharpais a thogail airson an dara bliadhna 脿s d猫idh a ch猫ile. Tha am Moireach fh猫in air aideachadh gun do chaill e beagan dhen mhiann a bh鈥 aige 脿s d猫idh Wimbledon a ghl猫idheadh an uiridh agus gun robh l脿thaichean ann nach b鈥 urrainn dha a bhith air a bhodraigeadh ag 猫irigh sa dhol a thre脿nadh.

Tha sinn a鈥 faicinn seo a鈥 tachairt gu math tric le s脿r luchd-sp貌rs. Aon uair 鈥檚 gu bheil iad air na tiotalan m貌ra a ghl猫idheadh no 脿ireamh a h-aon a ruighinn, tha iad a鈥 d霉sgadh an ath mhadainn sa faighneachd 鈥 鈥楧猫 a n矛 mi a-nis?鈥 Thachair an aon rud leis a鈥 ghoilfeir Gearmailteach M脿rtainn Kaymer 脿s d猫idh faighinn gu 脿ireamh a h-aon agus thug e bliadhna gu leth mus d鈥 fhuair e seachad air. Thairis air a鈥 bhliadhna mu dheireadh tha am Moireach cuideachd air a dhol fo lannsa air a dhruim agus tha e air an coidse aige, Ivan Lendl a chall, rud a th脿inig air mar chlach 脿s an adhar.

Mauresmo an 脿ite Lendl

Dh貌mhsa chan eil teagamh nach e Lendl a rinn an diofar a thaobh a bhith a鈥 gluasad Moireach gu 矛re far am b鈥 urrainn dha na farpaisean m貌ra a ghl猫idheadh agus le bhith a鈥 falbh gu h-obann, tha e air be脿rn mh貌r fh脿gail san sgioba aig Andy. Tha e air feuchainn ri sin a l矛onadh le bhith a鈥 toirt a-steach Am茅lie Mauresmo mar choidse, ceum a tha air moladh agus c脿ineadh a chosnadh dha, an dara cuid a鈥 tighinn bho Virginia Wade a bha a鈥 smaointinn gur ann ri 鈥渇ealla-dh脿鈥 a bha Moireach le bhith a鈥 toirt obair dhan bhana-Fhrangach.

Cha b鈥 urrainn do Lendl agus Mauresmo a bhith nas diofraichte bho ch猫ile 鈥 esan fuar, crosta agus de貌nach an t-slat a chleachdadh an uair a tha feum oirre; ise bl脿th, d貌igheil, d猫idheil air f矛on, surfadh ann am Biarritz agus a鈥 dr脿ibheadh a鈥 Harley Davidson aice. Tha aon rud eile as d鈥 fhiach a r脿dh mu dheidhinn Mauresmo agus 鈥檚 d貌cha gur e seo a thug air Moireach a鈥 toirt a-steach. Mar chluicheadair, bha i air a鈥 buaireadh le uallach agus frionasachd gus an deach aice air Wimbledon agus Open Astr脿ilia a ghleidheadh ann an 2006.

Mar sin cha tiginn an urras nach biodh Moireach an d貌chas gun cudich an t-e貌las sin e gus faighinn seachad air a鈥 mh矛-chinnt a tha air a bhith ga bhuaireadh fh猫in a thuilleadh air am miann aige airson duaisean a dh霉sgadh as 霉r. An tachair e ann an 脿m airson cr霉n Wimbledon a dh矛on? Uill, chan eil ach ceathrar dhen fhichead a bhuinnig an tiotal airson a鈥 chiad uair air tilleadh air ais gu SW19 agus a ghl猫idheadh a-rithist an ath-bhliadhn鈥 鈥 Bj枚rn Borg, Boris Becker, Pete Sampras agus Roger Federer 鈥 dearbhadh gu bheil e nas fhasa mullach na beinne a ruighinn seach fuireach ann. A bheil am miann aig Moireach mullach na beinne a ruighinn a-rithist? Tha sinn an imis faighinn a-mach.

Collins air ais aig Celtic

Le Iain Collins a鈥 tilleadh gu Celtic, bidh ceangal aig Uibhist a Deas ris a鈥 Phr矛omh L矛og air an ath sheusan. Bhuineadh m脿thair Iain (Rhona Aonghais N猫ill Mhic Dh貌mhnaill Bhuachaill nach maireann) do sg矛re Loch Baghasdail agus tha fiosam gum bi Iain agus a bhr脿thair fhathast a鈥 dol suas a dh鈥橴ibhist bho 脿m gu 脿m a dh猫anamh beagan iasgaich. Tha mi an amharas nach bi uimhir a dh鈥櫭筰ne aige sin a dh猫anamh a-nis ach tha e gu bhith inntinneach fhaicinn ciamar a dh鈥檕braicheas e fh猫in 鈥榮 am manaidsear 霉r aig Celtic, Ronny Deila, c貌mhla thairis air an t-seusan a tha romhainn.

Bu ch貌ir c霉isean a bhith s矛mplidh gu le貌r dhaibh an seo aig an taigh an Alba far nach eil an fharpais cho cruaidh. Ach 鈥榮 e ball-coise E貌rpach a dhearbhas co-dhi霉 am bi iad soirbheachail agus le d脿 gh猫am dearbhaidh rin cluiche aig Murrayfield air s脿illeabh Geamachan a鈥 Cho-fhlaitheis, bidh e nas dorra buileach dhaibh 鈥楾矛r a Gheallaidh鈥 no buidhnean an Champions League a ruighinn am bliadhna.

Broadcast

  • Sat 21 Jun 2014 09:03

Lean 大象传媒 Sp貌rs air X

Sp貌rs ionadail, n脿iseanta agus eadar-n脿iseanta bho 大象传媒 G脿idhlig