28/06/2014
Shona NicEanraig a' cur ball-coise Cupa na Cruinne agus Cupa Amaitearachd na Gà idhealtachd bhon phrosbaig. Iomain agus sùil air adhart gu Cuairt Dheireannach Cupa Comunn Cheilteach; fios mu fharpais Dùbhlan Rugbaidh Lìog a' Cho-fhlaitheis; teanas agus Rèis Barrathon agus gu leòr spòrs eile.
Last on
More episodes
Previous
Sùil air Spòrs le Ailig O'Henley
Tha an fharpais spòrs as motha air an t-saoghal fhathast gar tà ladh ’s gar beò-ghlacadh ann am Braisil, ach ro dheireadh na seachdain bidh ar n’aire a’ tionndadh chun an fharpais as duilghe air an t-saoghal an uair a thòisicheas an Tour de France ann an Siorrachd Iorc Disathairne. Mura bheil sibh gam chreidsinn, innis dhomh spòrs eile far a bheil gach neach a tha a’ gabhail pà irt a’ dol tro 6,500 calaraidh sa chumantas gach latha?
Buaidh Cavendish agus ‘Yorkshire terriers’
‘Se rud mòr a bh’ ann do mhuinntir Iorc an grand départ a ghleidheadh an uair a bha bailtean eile leithid Dùn Èideann, Barcelona, Berlin, Florence agus Venice a’ strì nan aghaidh, ach bha aon rud aca nach robh aig cà ch – Mark Cavendish. Ged a rugadh Cavendish ann an Eilean Mhanainn, ’s ann à baile Harrogate a tha a mhà thair agus an uair a dh’aontaich e ainm a chur ris an tagradh aca, bha e an ìre mhath cinnteach gur ann an Leeds a bhiodh a’ chiad ìre dhen rèis a’ tòiseachadh. Cha do rinn e cron nas motha gur e an abhag, ‘Yorkshire terrier’, an cù beag as bitheanta san Fhraing no gur ann às an sgìre a tha a’ chiad Bhreatannach a ghlèidh ìre dhen Tour, Brian Robinson, aois 83 a bhruidhinn ann am Fraingis shiubhlach, fhileanta ris a’ chomataidh a thà inig a nall às an Fhraing.
Dùbhlan Audax Innse Gall
Bidh miann sònraichte aig Cavendish a’ chiad ìre sin eadar Leeds is Harrogate a ghleidheadh, an dà chuid dha mhà thair ach cuideachd airson dèanamh suas airson na thachair dha seachd bliadhna air ais an uair a chuir tubaist stad air bho bhith a’ togail a’ gheansaidh bhuidhe no am maillot jaune ann an Lunnainn. San ùine sin tha ùidh ann an spòrs baidhsagal air fàs gu mòr air feadh Bhreatainn agus tha sinn a’ faicinn eisimpleir eile dheth sin ann an Leòdhas air an deireadh sheachdain far a bheil a’ chiad Dhùbhlan Audax Innse Gall ga chumail, a’ toirt cothrom do dhaoine le diofar chomasan pà irt a ghabhail ann an cùrsaichean thairis air 110, 200 agus 300 cilemeatair.
Wiggins agus Froome
Chan eil teagamh nach tug soirbheachas Sir Bradley Wiggins, a’ chiad Bhreatannach a ghlèidh an fharpais ann an 2012 togail dhan spòrs san ùine sin agus bidh e na adhbhar tà mailt airson cuid nach eil Wiggins a’ cur an rèis air bhog, ach sin poileataigs spòrs baighsagal dhut. Chan urrainn dhut tighinn beò air na rinn thu dà bhliadhna air ais agus leis an droch rùn a tha eadar e fhèin is Chris Froome, cha robh dòigh air thalamh a bha ceannard sgioba Sky, Dave Brailsford, a’ dol a dh’fheuchainn ris an dithis aca a chumail toilichte thairis air na trì seachdainean a tha romhainn. Anns an fharpais seo chan eil ach aon rionnag anns gach sgioba – tha an còrr ann airson taic a chumail riutha – agus gu sìmplidh cha robh rùm ann an dà chuid airson Wiggins is Froome aig a bheil cothrom nas fheà rr an fharpais a ghleidheadh a-rithist am bliadhna.
‘Se an deagh naidheachd dhuinne an seo an Alba ge-tà gum faic sinn Wiggins agus Cavendish (a’ rèis airson Eilean Mhanainn) aig Geamachan a Cho-fhlaitheis. Tha sinn fhathast a’ feitheamh ri dearbhadh a thaobh Usain Bolt, ach le Mo Farrah, David Rudisha, Chad Le Clos, Tom Daley agus Shelly-Ann Fraser-Price am measg an fheadhainn eile a tha a’ tighinn a Ghlaschu cha bhith dìth rionnagan ann.
Mearachd cùl a chur ri Moireach agus Teanas
’S mòr am beud nach bi Andy Murray nam measg agus tha fios gu bheil a’ chomataidh a chur na geamachan air dòigh gam breabadh fhèin as dèidh dhan Mhoireach a rà dh gum biodh e air cluiche son Alba nan robh teanas air a bhith mar phà irt dhe na geamachan. A dh’aindeoin’s gun do bhuinnig iad bonn òir aig na geamachan mu dheireadh ann an Delhi, roghnaich comataidh Ghlaschu nach biodh teanas aig na geamachan seo, co-dhùnadh annasach an uair a tha fear dheth na cluicheadairean as fheà rr air an t-saoghal air an starsach agad fhèin. Ma dh’fhaodas mi abairt teanas a chleachdadh, ‘s e fìor ‘double fault’ a bha sin!
Ceithir an à ireamh airson Saints agus Cà rlabhagh
Meal an naidheachd air sgiobaidhean Saints an Iochdair agus Chà rlabhaigh a rà inig iar chuairtean Cupa Amaidearach na Gà idhealtachd air an deireadh sheachdain seo chaidh. Bha mi gu sònraichte toilichte sgioba à Uibhist fhaicinn a’ faighinn cho fada san fharpais agus tà mailteach ‘s gu bheil e, gum feum iad coinneachadh ri chèile san ath gheam, tha e a' ciallachadh gum bi co-dhiù aon sgioba às na h-Eileanan sa chuairt dheireannach aig Pà irce Chaledonian air an dara latha dhen Lùnastal.
Agus ma tha sibh a’ creidsinn ann an geasagan, ’s dòcha gur e deagh chomharra a th’ ann gu bheil an à ireamh ceithir ann an 2014. A’ dol air ais gu 1984 an uair a ghlèidh Nis an Cupa airson a’ chiad uair tha sgiobannan à s na h-Eileanan Siar air a ghleidheadh ann an 1994 (an Rubha) agus 2004 an uair a thog sgioba a’ Bhac an Cupa. Mar sin, cha bhith e na iognadh ma tha ainm tè dhe na sgiobaidhean eileanach air a’ Chupa a-rithist am bliadhna.Â
Broadcast
- Sat 28 Jun 2014 09:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Lean ´óÏó´«Ã½ Spòrs air X
Spòrs ionadail, nà iseanta agus eadar-nà iseanta bho ´óÏó´«Ã½ Gà idhlig