Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Iain MacAonghais

Spòrs ionadail, nàiseanta agus bho air feadh an t-saoghail còmhla ri Iain MacAonghais. Local, national and international sport with Iain MacInnes.

57 minutes

Last on

Sat 5 Jul 2014 09:03

Iain MacAonghais

Iain MacAonghais

Sùil air Spòrs le Ailig O'Henley

Sùil air Spòrs le Ailig O'Henley

Feumaidh mi ràdh gun robh mi air fear den fheadhainn a thog mo shùilean le iongnadh an uair a thug coidse na h-Òlaind Louis van Gaal an dara fear-gleidhidh aige far na beingidh airson na breaban-peanais an aghaidh Costa Rica Disathairne seo chaidh. Ach ’s gann gun robh an smuain sin air a dhol tro m’inntinn an uair a thuig mi gur e Van Gaal a bha seo agus gum biodh deagh adhbhar aige leithid a dh’atharrachadh a dhèanamh.


Nan robh e air a dhol na aghaidh bhiodh e na chulaidh-mhagaidh agus bhiodh Jasper Cillesen a chaidh a thoirt dheth ann an trum nas miosa buileach. Ach cha b’e sin a thachair ge-tà. Shàbhail Tim Krul, a bha air iasad aig sgioba na h-Eaglaise Brice beagan bhliadhnaichean air ais, a dhà dheth na breaban-peanais airson na Dùidsich a chur troimhe agus tha luaidh a-nis ga dhèanamh air Van Gaal mar dhraoidh ann an saoghal coidsidh. Fortanach no math? Math chanainnsa agus dàn cuideachd. Ged a bha na h-eòlaichean san stiùdeo a’ fanaid air gu ìre, bha fios aig Van Gaal nach robh Cillesen air gin a-mach à sia deug breab pheanais a shàbhaladh airson Ajax fhad’s a bha Krul air a dhà a chumail a-mach airson Newcastle. Aig sia troighean 's ceithir òirlich tha Krul cuideachd dà òirleach nas àirde na Cillesen agus leis an sin tha ruigsinn beagan nas fheàrr aige.


’S ann air na rudan beaga sin a tha geamachan mòra mar seo a’ tionndadh ach feumaidh tu coidse no manaidsear a tha làidir agus misneachail gu leòr na chomasan fhèin airson leithid a dh’atharrachadh a dhèanamh. Chan eil e gu diofar do leithid Van Gaal ma ghabhas aon chluicheadair san t-sròin e gu bheil e ga thoirt dheth mar a thachair le Cillesen a bhreab botal uisge air a shlighe far na pàirce ann an Salvador. ’Se an sgioba an rud as cudromaiche agus mar dhearbhadh air an sin b’e Cillesen a’ chiad fhear a bha na leum a-mach air a’ phàirce as dèidh dhan Òlaind a dhol troimhe chun na h-iar chuairtean deireannach. Mar a chanas iad san Spàinn feumaidh tu cojones airson co-dhùnaidhean mòra mar sin a ghabhail agus uair eile dhearbh Van Gaal gu bheil an comas sin aige, rud a bu chòir misneachd a thoirt do luchd-taic Manchester United air thoiseach air an t-seusan ùr. 


Rionnagan goilf agus luth-chleasachd


Tha sinn air ar milleadh le spòrs air an t-samhradh agus air an deireadh sheachdain seo tha cothrom ann cuid dheth na lùth-chleasaichean agus goilfearan as fheàrr air an t-saoghal fhaicinn air ar starsach fhèin an seo an Alba. Le duais trì millean not agus trì àiteachan anns an Open aig Hoylake an ath sheachdain air chothrom, chan eil e na iongnadh gu bheil farpais Open na h-Alba ann an Obar Dheathain air na rionnagan as motha a thàladh dhan ear thuath leithid Phil Mickelson a ghlèidh an fharpais an uiridh ann an Inbhir Nis, a thuilleadh air Rory McIlroy, Justin Rose, Henrik Stensson agus Rickie Fowler.


Ged a tha e tàmailteach nach eil Mo Farah a-nis a’ dol a nochdadh san fharpais Diamond League aig Pàirce Hampden air an deireadh sheachdain, bidh gu leòr lùth-chleasaichean ainmeil eile leithid Christine Ohuruogu, David Rudisha agus Yohan Blake an làthair. Thairis air Disathairne ’s Didòmhnaich thèid 34 farpais a chumail aig a’ Phàirce Nàiseanta agus ‘se fìor dheagh chothrom a bhios ann faighinn faisg air cuid dheth na lùth-chleasaichean as ainmeile air an t-saoghal agus faicinn cuideachd mar a tha na rionnagan againn fhèin leithid Eilidh Child, Lynsey Sharp agus Chris O’Hare a’ deasachadh airson Geamachan a’ Cho-fhlaitheis nach eil ach cola-deug air falbh a-nis.


Sgitheanaich air an slighe air ais?


Tha e mìorbhuileach sgioba chamanachd an Eilean Sgitheanaich fhaicinn air ais sna h-iar chuairtean deireannach de Chupa na Camanachd. Bha mi an làthair còig bliadhna fichead air ais an uair a ghlèidh iad an Cupa air latha eachdraidheil sa Ghearasdan an aghaidh Bail’ Ùr an t-Slèibh.


Bha mòran a’ faireachdain gun robh an ainm air a’ Chupa a bhliadhna sin agus ged nach cluinn thu dad dhen t-seòrsa bruidhinn sin bho na Sgitheanaich, bidh iad toilichte chanainn Ceann a' Ghiùthsaich a sheachnadh sna h-iar chuairtean deireannach. Tha iad air an Gearasdan agus Gleann Urchardan, an sgioba a chluicheas iad airson àite sa chuairt dheireannaich, a thoirt gu ùine a bharrachd mar-thà am bliadhna. Mar sin cha bhith iad gun dòchas, gu sònraichte ma thogas iad Cupa a’ Bhaile Mhòir air an deireadh sheachdain seo an aghaidh Baile Chaolais.


Tha an seusan aca thuige seo na dhearbhadh air a’ mhisneachd a tha e a’ toirt do sgioba a bhith a’ buinnig cha mhòr a h-uile seachdain mar a tha iad air a bhith a’ dèanamh sa Chiad Lìog Mu Thuath agus a’ cluiche le sgioba chunbhalach. Ma chumas iad sin a’ dol, cò aige tha fios nach fhaic sinn an cartùn ainmeil ud a’ nochdadh a-rithist sa Phàipear Bheag ro chuairt dheireannach Cupa na Camanachd ag iarraidh air an duine mu dheireadh a dh’fhàgas an t-Eilean na soluis a chur dheth!

Broadcast

  • Sat 5 Jul 2014 09:03

Lean ´óÏó´«Ã½ Spòrs air X

Spòrs ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta bho ´óÏó´«Ã½ Gàidhlig