08/07/2014
Naidheachdan, deasbad, ceòl, is cur-seachad aig à m bìdh còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Lunchtime news, debate, music and entertainment.
Last on
Clip
-
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Linda NicLeòid
Duration: 03:17
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm
A ghaoil mo chridhe,
Tha mise an seo ’s cha mhòr gu bheil am peann a’ bualadh a’ phà ipeir ’s cabhag orm an naidheachd seo a chur thugad. Tha fios agam gu bheil thu air a bhith ga fheitheamh fad nan còig mìosan bhon a thà inig cogadh, cuan, astar agus ionndrainn eadarainn. Madainn a’ bhòn-dè – an còigeamh latha dhen Iuchair - rugadh mac dhuinn, Dòmhnall Ailig. Gille mòr, tapaidh, ochd puinnd. Abair gu bheil e bòidheach, le crà isg do dh’fhalt bà n coltach riut fhèin agus gu dearbha tha e pailt cho math air cadal riut cuideachd. Tha fios agam gu robh thu riamh am miann mac a bhith agad, ’s tha sinn taingeil gu bheil an Cruthaidhear air seo a thoirt dhuinn. Tha mi air a bhith ag innse dha mu do dheidhinn mur thrà th, ’s tha fadachd orm gus am bi an triùir againn còmhla. Tha an dithis againn a’ dèanamh glè mhath; tha sgìths air mo bhualadh ceart gu leòr ach tha mi fortanach gu bheil mo mhà thair agus Annabel còmhla rium, ’s iad ga mo chuideachadh.
Tha mi an dòchas gu bheil thu fhèin slà n fallain far a bheil thu. Chan eil latha a’ dol seachad nach eil mi a’ smaoineachadh ort ’s ag ùrnaigh gun till thu dhachaigh gu sà bhailte a dh’aithghearr. Chan eil an Clachan ach sà mhach, lom às ur n-aonais. Chan eil sin ri rà dh nach eil gu leòr obair ri dhèanamh ge-tà . Chaidh na h-othaisgean a rùsgadh air a’ mhìos a chaidh agus na caoraich ’s na h-uain uile an t-seachdain-sa. Thà inig Aonghas Gilleasbaig, Dòmhnall Eà irdsidh agus gillean Chaluim Bhà in a-nuas air an fhadhail gus boireannaich a’ bhaile a chuideachadh leis a seo agus thabhainn iad cuideachadh a’ mhòine a thoirt dhachaigh cuideachd. Tha mise air a bhith a’ fighe stocainnean agus aodach dhan leanabh on uair sin, ’s gun mi air chothrom cuideachadh le obair croite an-drà sta. Tha mi an dòchas gun d’ fhuair thu na stocainnean-clòimhe mu dheireadh a chuir mi thugad?
Thadhail teaghlach Iain Bhà in oirnn an-raoir gus am fear beag fhaicinn. Bha iad uile ann an deagh shunnd ’s bha do mhà thair, d’ athair agus Catrìona a-bhos cuideachd. Tha iad uile a’ cur am beannachdan thugad. Bha Iain Bà n ris na sgeulachdan mar as à bhaist; O ach cho èibhinn ’s a tha an duine! Bha e ann an siud ag innse mar a bhitheas e a’ tarraing à ogha fhèin, Iain Beag, ’s e ag iarraidh air a dhol a choimhead a bheil an reithe air breith fhathast. ’S Iain beag aig aois còig bliadhna ’s e falbh a shiubhail na croite cas-rùisgte ’s gun sgeul air uan! Obh obh, thig breitheanas air an duine leis na caran aige! An uair sin thadhail an t-Urramach MacChoinnich oirnn gus am fear beag a bheannachadh. Bha mi taingeil e tighinn fad an rathaid a thadhal oirnn. Dh’innis e dhomh gu bheil e gus a bhith sa bhaile fad mìos eile co-dhiù, ’s mar sin gheibh mi am fear beag a bhaisteadh ann an cola-deug. Fhad ’s a bha e a-staigh rinn e ùrnaigh ’s chaidh thu fhèin ainmeachadh ann cuideachd. Tha fios againn uile gu bheil cùisean doirbh dhut thall an sin ach tha fios againn cuideachd gu bheil Dia gad gheà ird agus tha sinne a’ cur earbsa Ann-san a latha ’s a dh’oidhche. Mar a tha e ag rà dh san fhìrinn:
"Do thròcair gu robh oirnn gu caomh, a Thighearna, gach là ,
A rèir mar chuir sinn annad fhèin ar dòchas treun a-ghnà th" (Salm 33).
Sgrìobhaidh mi thugad a dh’aithghearr le fios a bharrachd mu Dhòmhnall Ailig.
Le tòrr gaol is beannachdan,
Do bhean ghrà dhach x
Broadcast
- Tue 8 Jul 2014 12:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal