09/07/2014
Naidheachdan, deasbad, ceòl, is cur-seachad aig à m bìdh còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Lunchtime news, debate, music and entertainment.
Last on
Clip
-
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Marnie NicLeòid
Duration: 01:39
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm
Gu mo bhalach,
Tha fhios agam a-nis nach ruig an litir seo thu gu brà th. Chan urrainn dhomh innse cho troimh-a-chèile `s a bha mi fhìn agus do mhà thair nuair a dh’ionnsaich sinn gu robh thu air teicheadh dhan arm às dèidh dhuinn comhairle a thoirt ort gun falbh. Cha robh thu ach seachd bliadhna deug agus bha do bheatha romhad ach bha thu cho deiseil airson falbh nuair a chaill thu do bhrà thair. Bha mi airson mo mhac a b’ òige a ghleidheil airson do chumail faisg agus sà bhailte air falbh bhon bhuaireadh, ach bha thu airson a bhith nad phà irt dheth agus a bhith air do chuimhneachadh mar an gaisgeach a bha annad.
Cha robh gnothach sam bith agam stad a chur ort agus a-nis cha bhi an cothrom agam bruidhinn riut tuilleadh. Chan fhaigh mi seachad air na briathran mu dheireadh a labhair mi riut, facail cruaidh, fuar. Cha toir mi maitheanas dhomh fhèin gu brà th air an son. Cha bhruidhinn sinn tuilleadh mun t-sìde, no an obair a th’ againn ri dhèanamh le na caoraich, no air mòine, no air ceòl is òrain mar a chleachd. Chan urrainn dhomh coimhead nad shùilean airson innse dhut gu bheil urram agam dhan bhalach a bha a’ fàs suas air mo bheulaibh. Chan urrainn dhomh innse dhut cho pròiseil ’s a bha mi asad.
Tha do mhà thair a-nis gun leanabh agus tha i a’ falbh air feadh an taighe, a sùil marbh na ceann, agus gun inntinn do chà il, tha a cridhe briste. Chan eil còmhradh mun bhòrd tuilleadh. Chan eil èigheachd no còmhstri agus dh’fhalbh an gà ire à s an dachaigh. Chaill an dachaigh bheag seo a h-anail.Â
Le pròis, le gaol, le cridhe briste,
D’ athair
Broadcast
- Wed 9 Jul 2014 12:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal