10/07/2014
Lèirmheas air an treas leabhar aig JK Rowling The Silkworm le Annabel NicIllinnein. Annabel MacLennan reviews JK Rowling's third book The Silkworm. bbc.co.uk/feasgar.
Tha 75 bliadhna ann bho chruinnich cuid de na taisgealaich a bh' anns a' Pholain aig à m an dà rna cogaidh aig coinneamh a bha a' dol a thoirt buaidh mhòr air mar a thà inig an cogadh gu ceann agus iad a' feuchainn ri tuigse fhaighinn air an inneal-conaltraidh an Enigma. Tha Murchadh Peutan a' mìneachadh dè dìreach an t-inneal a bh'anns an Enigma.
Tha JK Rowling air leabhar ùr a sgrìobhadh fon ainm Robert Galbraith. Se The Silkworm an treas nobhail a sgrìobh Rowling bho chuir i crìoch air sreath Harry Potter. Tha Annabel NicIllinnein air The Sillkworm a leughadh agus bheir i beachd.
Agus tha Dòmhnall MacSuain an seo airson innse dhuinn mu na còig rudan air nach robh fios aigesan mun à m seo an t-seachdain 'sa chaidh. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Clip
-
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le MÃ iri Alice Bartlett
Duration: 01:29
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm
A charaid chòir,
Chan aithnich sinn a chèile ach aithnichidh mi d' ainm. An robh thu an dùil gun tilleadh tu a Leòdhas nuair a dh'fhà g thu? Am biodh tu ag aisling mun Eilean 's tu anns na trainnsichean, cho fada air falbh bhon taigh 's gum b' urrainn dhut a bhith air saoghal eadar-dhealaichte?
Dh’fhaodadh tu a bhith air fuireach ach dh’fhalbh thu, còmhla ris na milleanan eile, airson 'ar Rìgh agus airson na dùthcha'. Ach chan ann orra sin a bhiodh tu a' smaoineachadh 's tu anns an dìg gun fhios an tilleadh tu a-chaoidh.
Cuiridh mi geall gun robh thu a' smaoineachadh air do mhà thair. No an robh cuideigin eile air d’ inntinn? Cuideigin a chùm am pian aice fhèin ’s fios aice nach coinneachadh sibh tuilleadh, nuair a bha thu air d' fhà gail anns an Fhraing gu sìorraidh.
'S ann à Brù a bha thu, ach tha thu air a bhith anns an Fhraing a-nis nas fhaide na bha thu riamh anns a’ bhaile ‘san deach d’ à rach. Dè a bhiodh tu air a dhèanamh le do bheatha nan robh thu air tilleadh dhachaigh?
Dh'fhaodadh an teaghlach againn a bhith fiùs nas motha na tha e.
Tha mi an dòchas gun robh fios agad nach dìochuimhneachadh daoine thu, 's ginealach às dèidh ginealach a' cluinntinn mu do dheidhinn ’s mo mhà thair air a h-ainmeachadh às do dhèidh. Tha sinne uile cho taingeil airson na rinn thu anns a' Chogadh. Nam cheann-sa 's e gaisgeach a bh’ annad, ’s tu cho òg a' falbh. Tha mi an dòchas gun robh thu a' faireachdainn mar ghaisgeach. Tha mìle ceist ann a dh'fhaodainn faighneachd ach chan eil mi airson ach aon rud a rà dh:
Tapadh leat.
Le deagh dhùrachd,
MÃ iri Alice, ogha do pheathar.
Broadcast
- Thu 10 Jul 2014 12:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal