08/07/2014
Tha Baton na Banrigh a' tadhal anns na h-Eileanan an Iar an-diugh. The Queen's Baton relay visits the Western Isles today. bbc.co.uk/coinneach.
Tha Alasdair Friseal agus Catriona NicIllinnein a' leantainn Baton na Banrigh a tha a' tadhal anns na h-Eileanan an Iar. An-diugh bithear a' dèanamh an t-slighe eadar Barraigh agus Rudha Rothanais.
Tha Gillebrìde MacIlleMhaoil agus Jo NicDhòmhnaill ag innse mu'n òraid air Dualchas seinn traidiseanta anns an robh iad an sàs aig Co-labhairt Rannsachadh na Gà idhlig a bha ann an Dùn Èideann bho chionn ghoirid.
Tha Daibhidh Eyre ag innse mun leabhar as motha a thug buaidh air a bheatha a bharrachd air a' Bhìobull fhèin, Foundation le Isaac Asimov.
Cuideachd cluinnidh sibh an litir a sgrìobh Ceitidh Mhoireach chun An t-Saighdeir Gun Ainm. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Clip
-
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Ceitidh Mhoireach
Duration: 03:49
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm
A Ghaisgich Chalma,
Sin thu, gu h-à rd os ar cionn, gu sìorraidh air faire le sùilean a tha a-nis dall ach a las air iomadh sealladh eadar-dhealaichte, iargalta agus smaoineachail, bhon a’ chiad latha a chuir thu ort deise an t-saighdeir.
Tha thu, gu soilleir a’ leughadh litir. A bheil i bhon dachaigh? An e gà irdeachas a rinn thu ris na naidheachdan a th’ innte, no an do chuir iad fo ghruaimean agus cianalas thu?
A’ gluasad nas fhaisg ort tha d’ ìomhaigh an-diugh, cruaidh mar stà ilinn, dorcha, gun dath, gun mhothachadh agus gun cothrom gluasad, ach ‘s e do shùilean, sgà than na h-inntinn, a tha ga mo tharraing-sa a-null far a bheil thu. Sùilean a bha thall ‘s a chunnaic agus a dh’fhairich cruadal agus clà tar a’ bhlà ir, fà ilidhean, salchar agus boglach nan trainnsichean, acras, goirteas bodhaig agus goirteas cridhe.
Cò iadsan a bha beò nad chuideachd agus a’ sabaid gualainn ri gualainn riut? Saoil an tà inig thu tarsainn air mo sheanair, Seumas MacNeacail a bha sna Lovat Scouts, iadsan a chaidh a shabaid len companaich dìleas - na h-eich Ghà idhealach?
An latha a dh’fhalbh thu dhan Chogadh Mhòr – an cogadh goirid a bhiodh seachad ron Nollaig ’s a dhèanadh cinnteach nach biodh cogadh eile ann gu sìorraidh brà th tuilleadh. Saoilidh mi gur ann annad a bhiodh an spionnadh an latha ud – do cheum cho aighearach, do shùilean a’ deà lradh, do ghuth là idir, misneachail. Pròis agus moit ga do stiùireadh. Ach, seo a’ cheist, cà ite an do laigh thu do cheann aig crìoch do là ?
Na thill thu? A bheil thu an-diugh na do chadal sìorraidh ann an cladh eileanach ‘s tu air do thà ladh le crònan na mara, ceilearadh nan eun, guthan socair nan ginealachan a lean thu? Ginealachan aig nach bi ach corra smuain air an dìleab phrìseil a dh’fhà g thu aca. Dìleab saorsa agus sìth air nach gabh prìs a chur. Tha e a’ cheart cho dòcha, ge-tà , gur ann a tha thu air do chà radh san uaigh ann an cladh-cogaidh, fada bhon dachaigh far an deach d’ à rach, ach fhathast aig fois air do chomharrachadh mar ghaisgeach.
Feumaidh mise togail orm a-nis. Tha trèana agam ri ghlacadh agus fà gaidh mi mo bheannachd agad leis an smuain seo san dealachadh. Nan tachradh gun gabhadh e dèanamh gum biodh tusa san fheòil, air chothrom ceithir uairean fichead a chuir seachad nad sheasamh far a bheil d’ ìomhaigh an–diugh, dè a’ bheachd a bhiodh agad air luchd-cleachdaidh na h-à rainneachd seo? Beachd air dòigh-beatha, dol-a-mach, fasanan agus cleachdaidhean an t-sluaigh a thà inig às do dhèidh. Sluagh a tha beag air bheag a’ gabhail aire ri luach na dìleib a chaidh fhà gail aca le iomadh saighdear, mar thu fhèin, a tha an-diugh aig fois ach gun ainm.
Is mise le spèis agus taingealachd,
Neach-siubhail le beagan ùine ri chuir seachad ann an Stèisean Paddington.
Broadcasts
- Tue 8 Jul 2014 09:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 8 Jul 2014 21:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal