09/07/2014
Prògram sònraichte mun leabhar ùr aig Mata MacÌomhair mu eachdraidh ball-coise An Rubha. A special programme about Matthew MacIver's new book, the history of Point FC.
An-diugh prògram sònraichte mun leabhar ùr aig Mata MacÌomhair mu eachdraidh ball-coise An Rubha Playing for the Red Jersey: A History of Point FC 1934 - 2014. Thug Coinneach air Mata agus feadhainn eile a bha an sàs anns an sgioba thairis air na bliadhnaichean, Murchadh MacLeòid, Iain Crichton, Cailean MacCoinnich, Alasdair MacLeòid, Tormod Dòmhnallach agus Iain MacSuain, coinneachadh ris aig Ionad Stoodie anns An Rubha airson bruidhinn air an leabhar agus na cuimhneachain aca fhèin air eachdraidh an sgioba nuair a bha iad fhèin a' cluiche dhan Rubha.
Cuideachd cluinnidh sibh na sgrìobh Ailean Caimbeul anns an Litir Chun An t-Saighdeir Gun Ainm. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Clip
-
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Ailean Caimbeul
Duration: 03:04
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Ailean Caimbeul
Caileabost,
Sgìre Dhiùireanais,
An t-Eilean Sgìtheanach.
An t-Sultain 1914
Ìý
Alasdair, a bhrà thair chòir,
Tha mi ’n dòchas gu bheil thu a’ dèanamh gu math, agus gu bheil cùisean a’ còrdadh riut fhathast. Chòrd an litir agad rium gu mòr; tha farmad agam riut ’s tu faicinn uimhir den t-saoghal! A bheil thu air faotainn a-null thairis a-nise?Ìý
Tha fadachd orm gus am bi mise aois togail dhan arm, agus tha mi ’n dòchas gum mair an cogadh fada gu leòr – bidh mi seachd deug an ath mhìos agus leis gu bheil sinn le chèile mòr tapaidh airson ar n-aois bha Dòmhnall Iain Sheonaidh ag rà dh rium gur dòcha gun d’ rachadh againn air toirt a chreidsinn orra gu bheil sinn naoi-deug. Bhruidhinn mi ri mamaidh mu dheidhinn ach chaidh i às a ciall, a’ cur às a corp mu dheidhinn teaghlach na banntraich mar a bhios cuimhne agad fhèin glè mhath! Shaoileadh tu gur sinne as coireach gun deach ar n- athair a chall aig an iasgach!
Bheil thu fhathast airson feuchainn a-null do dh’Ameireaga? Bhiodh e dìreach sònraichte a dhol a-mach agus obair fhaotainn cuide ri Aonghas brà thair ar mà thar, ach chan eil mamaidh idir taiceil fhathast ged a tha i a-nise ag aideachadh gum biodh an t-airgead a chuireamaid dhachaigh air leth feumail dhi fhèin ’s dha na h-ìghnean.Ìý Tha i fhathast ag argamaid nach dèanadh i a’ chùis air obair na croite gun chuideachadh bhuainne ach mar a bha mi ag rà dh rithe an raoir tha thusa air falbh aig a’ chogadh mar-thà agus bidh mise, tha mi ’n dòchas, a’ falbh a dh’aithghearr cuideachd agus feumaidh iad a’ chùis a dhèanamh à s ar n-aonais!Ìý Bha mi ag rà dh rithe mun à m a bhios an cogadh seachad toiseach na h-ath bhliadhna gum bi iad air fà s cleachdte ri bhith ag obrachadh ghnothaichean leotha fhèin, agus gum faod sinne togail a dh’Ameireaga deireadh an t-samhraidh seo tighinn. Bidh e fìor mhath airson còig bliadhna no mar sin, nach bi?Ìý Fuirichidh Mà iri Anna NicAsgaill gun phòsadh chun an till thu! Bha mi a’ bruidhinn rithe an-diugh ’s nuair a dh’innis mi dhi gun robh mi a’ sgrìobhadh thugad dh’iarr i beannachdan a chur bhuaipe!
Tha cùisean san à bhaist an seo, ged a tha e car aonranach bho dh’fhalbh thu fhèin ’s na balaich eile agus ged a tha sia seachdainean ann a-nise cha do dh’fhà s sinn cleachdte ri bhith à s ur n-aonais fhathast. Bha an t-seanair a’ bruidhinn air a’ bheà rn a th’ anns a’ bhaile le còig deug agaibh air falbh agus bha mise ag rà dh ris gu bheil deichnear eile a dh’fhaodadhÌý a bhith a’ togail à s nuair a gheibh mi fhìn is Dòmhnall Iain is ar comhaoisean cothrom!
Fhuair sinn a’ mhòine dhachaigh le cairt Dhonnchaidh agus tha am feur air a ghabhail agus anns an iodhlainn. Tha an t-arbhar ag abachadh gu snog agus feumaidh mi faobhar a chur air an speal gus tòiseachadh air buain taobh a-staigh seachdain no mar sin, is tha mamaidh ag rà dh gu bheil Seonag mòr gu leòr gus sguaban a cheangal am bliadhna agus faodaidh Mòrag na h-adagan a dhèanamh.Ìý Ma chumas an aimsir suas tha dòchas againn gun crìochnaich sinn am foghar gu sgiobalta, agus cha bhi romhainn an uair sin ach am buntà ta a thogail. Mun à m a bhios sin dèanta tha mi an dòchas gum bi mi ceum nas fhaisge air liostaigeadh agus nach biodh e math a bhith còmhla san Fhraing airson na Bliadhn’ Ùire!Ìý
Sgrìobh nuair a gheibh thu cothrom.
Beannachdan bhuainne uile an-drà sta,
Ailean
Ìý
Broadcasts
- Wed 9 Jul 2014 09:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 9 Jul 2014 21:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal