14/07/2014
Tha Marion NicLeòid agus Sarah Fhriseal a' toirt sùil air naidheachdan na maidne. Am measg a' chiùil tha Josh Record, Gabrielle Aplin agus Kid Canaveral. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Clip
-
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Iain Beggs
Duration: 02:16
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm
A' Ruairidh,
Tha mi an dòchas gu bheil gnothaichean mar bu chòir a-staigh. Tapadh leatsa airson an litir a chuir thu thugam; bha e math cluinntinn bhuat agus can ri Mam gun do dh’fhà g mi mullach a’ chrannachain fon bheinge; mura biodh i cho dall, gheibheadh i lorg air.
Chan eil mòran a’ tachairt an seo idir. Tha seachdainean air a dhol seachad bhon a ghluais sinn mu dheireadh. Tha mi taingeil gu bheil an geamhradh a’ tighinn gu crìoch ge-tà ; cha mhòr nach eil an lathadh fhathast nam là mhan fhad ’s a tha mi a’ sgrìobhadh seo.
Thachair rudeigin aig à m na Nollaig a thug toilicheas dhuinn. Thòisich sinn uile air seinn òrain agus an uair sin, nochd clogaidean nan Gearmailteach bhon trainnse is fear le ball-coise fo achlais. Airson a’ chòrr dhen latha bha sinn ann an siud a’ cluich geama; sinne an aghaidh iadsan. An fhìrinn a th’ agam, a Ruairidh; chan fhaca mi riamh cluicheadairean cho math riutha.
Gach latha bidh sinn a’ leudachadh nan trainnsichean againn agus às dèidh frasan trom an Fhaoillich chan e rud furasta a th’ ann; gach madainn thig mi air ais innte, tha i nas lugha na bha i an latha roimhe leis na thuit de pholl innte.
Tha e doirbh cadal fhaighinn. Saighdearan mun cuairt orm fad an t-siubhail ’s cha socraich iad agus mu dheireadh thall nuair a tha fois anns an à ite cluinnidh tu na Gearmailtaich ’s iad cho faisg ri sin. Dh’fheuch mi air rann a sgrÃobhadh mun ghnothaich:
Nuair shoighn’ mi suas
Air bruach an t-òb
Is dh’fhà g mi m’ eilean
’S mi faoin is òg
Gheall iad splaoid, fealla-dhÃ
is glòir
Cha chòrd a’ chùis seo
Mar bu chòir.
A-nis seach speal, tha spaid
Na mo là imh
M’ eòlas air feannag a’ toirt
Taic ri mo thrainns’
Saighdear rim thaobh ga smaointinn
Fhèin mar fà idh
A’ coimeas cò ’s fheà rr eadar
Trainnse is trà igh.
Nuair a thachras rudeigin cuiridh mi tuilleadh ris.
Fhuair mi cothrom a dhol air patrol an-dè. Cha robh ann ach mi fhìn is balach à Tìr Mòr. Cha robh mòran Gà idhlig aige is cha do thuig mise a Bheurla ’s mar sin cha robh cus còmhradh eadarainn. Thà inig sinn tarsainn air dithis Ghearmailtich a bha am meadhan locha ann an geòla a’ feuchainn le slat. Chan eil fhios agam ciamar a chùm mi mo ghà ire a-staigh às dèidh bhith faicinn an obair a bha iad a’ dèanamh air a’ gheòla, a Ruairidh. Bha iad coltach ri breabadairean. Iomradh na Buirghich, dìreach.
Co-dhiù ’s fheudar dhomh falbh a-nis; can ris a h-uile duine gun robh mi a’ faighneachd às an dèidh.
Cheers an-drà sta,
Calum.
Broadcast
- Mon 14 Jul 2014 12:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal