15/07/2014
Naidheachdan, deasbad, ceòl, is cur-seachad aig à m bìdh còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Lunchtime news, debate, music and entertainment.
Last on
Clip
-
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Annabel NicIllFhinnein
Duration: 02:29
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Annabel NicIllFhinnein
Iain,
Bha mi cho toilichte cluinntinn bhuat! Cha d’ fhuair mi norrag chadail an t-seachdain a chaidh. Tha fhios agam nach e adhbhar ghearain a tha sin nuair a tha thusa anns na trannsaichean, ach thà inig telegram gu Peigi an ath dhoras ag innse gun deach Seumas às an rathad. Tha fhios agam gu bheil seo uabhasach ach ’s e faochach a’ chiad rud a dh’fhairich mi - faochadh nach tà inig telegram thugainne cuideachd. Chan eil mi a’ smaoineachadh gun seasadh cridhe ar mà thair ri t’ èile.
Chan eil mòran air a bhith a’ dol ann an seo bhon a sgrìobh mi thugad mu dheireadh. Tha dusan uan againn a-nis agus tha peata nam measg. Bhà saich a mhà thair gu mì-fhortanach. Dh’fheuch sinn ri thoirt do chaora eile aig nach robh uan ach cha robh i a’ gabhail ris idir. Bhriseadh e do chridhe gan coimhead ach cha chan mi nach eil e nas fheà rr dheth a-staigh còmhla rinn fhèin, an tac an teine! Tha fhios agam gun can thu bheil sinn ga mhilleadh agus nach dèan e cà il dheth nuair a thig an t-à m dha a dhol a-mach còmhla ris na caoraich eile ach chan urrainn dhuinn a leasachadh - tha e cho beag, bìodach!
Bha nighean bheag aig Catriona Dhòmhnaill Alasdair Ruairidh aig an deireadh sheachdain agus bha Calum Beag cho tà mailteach ris a’ chù an toiseach! ’S e brà thair a bha esan ag iarraidh ach tha e air a thighinn timcheall agus tha e gu math measail oirre a-nis. Cha tug e fada! Tha mi an dòchas gum faigh Calum Mòr ‘leave’ a dh’aithghearr gus am faic e i agus i fhathast na rud beag.
A bheil cùisean air atharrachadh far a bheil thu fhèin? Chan eil sinne a’ cluinntinn mòran ann an seo. ’S dòcha gu bheil sin a cheart cho math. Ciamar a tha na balaich a dh’fhalbh còmhla riut? Bidh mi an-còmhnaidh a’ smaoineachadh air Dòmhnall Iain a’ Mhinisteir agus e cho beag ’s cho diùid. Tha uallach uabhasach air a phiuthar. Tha uallach air a h-uile duine ach bha esan an-còmhnaidh beagan air dheireadh air a’ chòrr agaibh. Thuirt mise rithe gun cumadh tusa sùil air agus tha mi a’ smaoineachadh gun tug sin beagan faochadh dhi.
Tha ar mà thair a’ cumail nas fheà rr. Chaidh i sìos nuair a fhuair sinn an naidheachd gun robh Alasdair air a dhol às an rathad ach tha beagan piseach air a thighinn oirre. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e a’ cuideachadh gu bheil na là ithean a’ tòiseachadh a’ fàs nas fhaide. Bha e duilich dhi èirigh feadhainn de mhadainnean ann am meadhan a’ gheamhraidh. Bha e sgriosail duilich dhuinn uile ach ghabh ise dona e. Bhris a cridhe. Tha i nas fheà rr a-nis ged-tà agus ’s e sin an rud as cudromaiche.
Co-dhiù, ’s fheà rr dhomhsa falbh agus na beathaichean a bhiadhadh. Tha mi ’n dòchas gum faic sinn a dh’aithghearr thu. Gabh an aire ort fhèin.
Do phiuthar,
²Ñà ¾±°ù¾±
Ìý
Broadcast
- Tue 15 Jul 2014 12:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal