17/07/2014
Naidheachdan, deasbad, ceòl, is cur-seachad aig à m bìdh còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Lunchtime news, debate, music and entertainment.
Dè 's urrainn dhuinn a dhèanamh gus nach cleachd daoine na fònaichean-là imhe aca fhad 's a tha iad a' drà ibheadh air an rathad mhòr? Wi-fi lay-bys? Cùrsaichean mothachaidh? Signal jamming? Ach, an obraicheadh iad? Am measg nan draibhearan a tha a' beachdachadh tha tè a tha air ùr thòiseachadh air cùl na cuibhle.
Tha Mìchael Hill a' toirt dhuinn beachd air a' film ùr Boyhood. Tha an sgeulachd stèidhichte air balach (Mason Jr.) a tha a' fàs suas agus an dà imh a tha eadar e fhèin agus a parantan thairis air dusan bliadhna. Ach, se an rud a tha iongantach mun a' film seo gun deach a chlà radh thairis air dusan bliadhna!
Cuideachd tha Dòmhnall MacSuain ag innse mu na còig rudan air nach robh fios aige mun à m seo an t-seachdain 'sa chaidh. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Clip
-
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Anndra Dunn
Duration: 01:33
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Anndra Dunn
Cò thu? Sin a’ cheist.
An tu am fear a bha deich bliadhna anns an rèiseamaid nuair a leig Franz Ferdinand an anail mu dheireadh ann an Sarajevo? Bha thu aosta ann an cogaidhean na h-ÃŒmpireachd agus cleachdte ris gach uabhas. ’S beag a bha a dhragh aig na peilearan Gearmailteach dè cho cleachdte ’s a bha thu, ge-tà , nuair a choinnich sibh air a’Ìý Mharne.
No an deach thu don arm là n misneachd agus dearbhadh mu fhìreantachd na cùis anns na là ithean bòidheach samhraidh ud? Sheas am faireachdainn sin agad tron pholl agus tron bhàs mun cuairt ort, gus an do thachd thu air fuil agus chlorine ann an trainnsichean Ypres.
’S dòcha gun robh do charaidean a’ smaoineachadh gur e spòrs a bhiodh ann, a bhith a’ dèanamh ur dleastanais airson Rìgh agus Dùthaich uile còmhla. Mhà irds sibh uile gu slaodach air ionnsaigh an Somme, agus bhuail an airtilearaidh sibh mus an do loisg sibh fiù ’s ur gunnaichean.
Dh’fhaodadh gun do dh’innis thu breug mu d’ aois le fiamh a’ ghà ire air d’ aghaidh nuair a dh’fhaighnich an sà irdseant. Cha robh sgeul air a’ ghà ire ud an teas-mheadhan Passchendaele, agus cha do mhothaich duine aon losgadh-gunna eile nuair a chur thu an gunna nad bheul fhèin an oidhche ud am measg nan radan agus nam mialan.
Dh’fhaodadh fiù ’s nach robh obair deatamach agad nuair a thà inig an litir bhon Riaghaltas, agus nach robh taghadh agad anns a’ chùis. Nuair a shèid an fheadag airson an ionnsaigh aig Cambrai shuidh thu stòlta air an steap, cinnteach nach robh adhbhar math ann a bhith a’ sabaid. Cha robh argamaid aig an oifigear dhut ach dusan peilear Breatannach aig briseadh na maidne, ged a thug iad dhut toitean an toiseach.
Cò thu? Chan eil feum anns a’ cheist. Shluig talamh acrach an Fhraing agus a’ Bheilg sibh uile fad ceithir bliadhna gus an robh e sà saichte.
Ìý
Ìý
Broadcast
- Thu 17 Jul 2014 12:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal