16/07/2014
Naidheachdan, deasbad, ceòl, is cur-seachad aig à m bìdh còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Lunchtime news, debate, music and entertainment.
An-diugh beachdan air dè na cur-seachadan a th'ann airson a' chlann a cumail riaraichte tro laithean saora an t-Samhraidh.
Dè a th' ann an concussion? Agus dè cho cunnartach agus a tha e ma chùmas luchd-spòrs a' chluich as dèidh dhaibh a bhith air an gorteachadh mun cheann. Bruidhnidh sinn ris an Dotair Sarah Marr airson faighinn a-mach.
Cluinnidh sinn mun rannsachadh aig Panal Rannsachaidh Amhairc & Èisteachd na Gà idhlig (PRAEG) bhon chomhairliche cà nain aca Beathag Mhoireasdan.
Leis gu bheil Fèis Cheilteach Innse Gall a' tòiseachadh ann an Steòrnabhagh an-diugh, bheir sinn sùil air cuid de na rudan a tha a' dol, nam measg iomairt luchd-cleachdaidh na Gà idhlig. Sin agus ceòl gu leòr mar as à bhaist còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill.
Last on
Clip
-
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Chrisella Ros
Duration: 02:54
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Chrisella Ros
A mhic ghaolach
Fhuair mi do litir an-dè ’s ged a tha e duilich a bhith a’ cluinntinn na bh’ agad, cha robh e na annas.Ìý Cha bhi aon saighdear sa chlà bair ghrannda anns a bheil sibh nach bi a’ faireachdainn an t-aon rud.ÌýÌý Ach feumaidh tusa a bhith faiceallach le na sgrìobhas tu – tha fhios gu bheil iad a’ leughadh a h-uile litir a thig troimhe.
Cha ghabh an fheadhainn ud ri bhith a’ bruidhinn mu eagal.Ìý Cha leig iad duin’ à s leis – canaidh iad nach urrainn dhaibh.Ìý Seonaidh Beag.Ìý Cha do leig iad esan à s leis - ’s am balach gus a chiall a chall.Ìý Chan eil maitheanas anns an ifrinn sin ga duine beò.
Tha d’ athair ag rà dh gun robh feagal air fhèin sna ciad sheachdainean a bha e ann an Transvaal.Ìý Ach gun d’ fhuair e seachad air.Ìý Thuirt e nach b’ e fuaim nan seilichean bu dhuilghe dhà san ach a bhith a’ coimhead na bha mu thimcheall air – an t-eagal nan sùilean fhèin.ÌýÌý Cuid dhiubh fiù ’s a’ rà nail.Ìý Na dèan rà nail idir, a luaidh – ged a bhiodh d’ fhìor chridhe ’s do cholainn a’ sgiamhail.Ìý Na leig leotha d’ fhaicinn a’ caoidh.
Tha cuimhn’ agam an oidhche a rugadh tu.Ìý Thu cho bòidheach, cho beag, cho neo-chiontach.Ìý Bha mi an oidhche ud a’ smaoineachadh air do sheanmhair fhèin a chaill balaich sa Chrimea.Ìý Iad cho fada bhon dachaigh ann an cogaidhean nach buineadh dhaibh – cogaidhean nan uaislean nach tèid an sà sachadh a chaoidh.
Gheall mi an uair sin nach leiginn le duine beò gaisean fuilt bho do cheann a sgrios. Mar a gheall mi dhut fhèin ’s tu a’ fà s – thu le ceistean ort tric mu chogaidhean ’s mu bhà s.Ìý Gheall mi gum falaichinn thu san tughadh.Ìý Nach fhaiceadh duine a thigeadh air do thòir boillsgeadh dhen cholainn bheag bhòidheach agad.Ìý Gheall mi gun dèanainn mar a rinn iomadh mà thair ann an Leòdhas thar linntean – Press Gangs a’ sealg am mic.ÌýÌý Nach leiginn leotha falbh leat.
Cha do chùm mi ri mo ghealladh.Ìý Tha mi duilich. Nuair a thà inig an gairm thuig thu fhèin nach robh e ciallach dhut fuireach.Ìý Cò sa bhaile-sa a bha a’ dol a leigeil leat fuireach aig an taigh ’s iad uile a’ falbh... uile fon aon ghaoiriseachadh ’s a tha sinne?Ìý Dh’fhalbh iad uile – fon aon mhealladh.
Oh thèid e seachad – ge b’ e air bith cò a bheir e leis.Ìý Cha chan iad an seo ach nach eil againn ach na tha an dà n dhuinn ’s nach eil rian no smà ig againn air sin fhèin.ÌýÌý ’S mathaid nach eil.Ìý Ach cha tig an latha ormsa aithghearr gu leòr nuair a chì mi do chas a’ tilleadh a-steach rathad a’ bhaile seo ’s tu agam sà bhailt’ a chaoidh.ÌýÌý Air do phasgadh na mo ghà irdeanan mar a bha.Ìý Chan ann san Fhraing far a bheil na mìltean mar tha.Ìý Cùm cridhe agus dòchas mo luaidh.
Na beannachdan chun uair sin fhèin.
Ìý
Ìý
Broadcast
- Wed 16 Jul 2014 12:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal